Cnòideart
'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd an iar a th' ann an Cnòideart, a tha suidhichte eadar Linne Shlèite, Loch Nibheis agus Loch Shubhairne. Ann an 2001 bha 98 duine[1] a' fuireach ann agus 's e Inbhir Aoidhe am baile as motha ann. Chan fhaighear ann ach le bàta no air cois. Ann an Inbhir Aoidhe tha taigh-òsta a tha ainmeil mar an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn, agus 's e The Old Forge[2] an t-ainm a th' air. A bharrachd air sin tha cafaidh, bùth, oifis a' phuist agus oifis fiosrachaidh ann. Tha an sgìre ann an ceann a tuath Chnòideart aithnichte mar na Garbh Chrìochan.
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Nis |
Làrach | Loch Abar |
Domhan-leud is -fhad | 57°4′12″N 5°39′36″W |
'S e sgìre nàiseanta de bhòidhchead shònraichte[3] a th' ann an Cnòideart, agus tha e tarraingeach do luchd-coiseachd air sgàth 's gu bheil e glè iomallach agus gu bheil Beanntan Rothaich leithid Ladhar Bheinn, Luinne Bheinn, Meall Buidhe agus Sgùrr na Cìche an sin. A bharrachd air sin tha e tarraingeach do sheòladairean agus daoine aig a bheil ùidh ann an nàdar agus fiadh-bheatha.
Eachdraidh
deasaichRi linn an dàrna Chogaidh bha an oighreachd aig Lord Brocket is e a' cur taic ris na Nàsaich. Ann an 1948 dh'fheuch Seachdnar Chnòideart 65 acair a chur ann an grèim ach bhuannaich Brocket cùis laghail an aghaidh. Cheannaich Philip Rhodes à Surrey ann an 1985 is reic e oighreachd de 16,500 gu companaidh diut, Titaghur, a bha aig Reg Brealey. Ann an suidheachaidhean amharasach chaidh an oighreachd gu Stephen Hinchliffe a bha na stiùiriche aig C. B. Sheffield United còmhla ri Brealey.[4]
Ach a-nise 's ann leis an Knoydart Foundation a tha an oighreachd de 17,500 acair (71 km²), agus 's e co-obrachadh eadar muinntir an àite, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Iain Muir, Urras Chris Brasher agus Oighreachd Cille Còmhain a th' ann gus leasachaidhean seasmhach a dhèanamh gu math na coimhearsnachd agus na h-àrainneachd.
Daoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Cunntas sluaigh 2001
- ↑ The Old Forge
- ↑ Dualchas Nàdair na h-Alba
- ↑ “Knoydart Estate”. Hansard. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “Home - Knoydart Foundation”. Fonndas Chnòideart. Air a thogail 27mh dhen Ghearran 2024.
- “Taghaidhean Comhairle: Sùil air Cnòideart”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Ghiblean 2022. Air a thogail 27mh dhen Ghearran 2024.
- “An taigh-seinnse as iomallaiche air Tìr Mòr a' fosgladh às ùr”, Naidheachdan a' BhBC. 9mh dhen Lùnasdal 2023. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023.
- “Thèid seann seada an Cnòideart na hub baidhseagail”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Ghearran 2024. Air a thogail 27mh dhen Ghearran 2024.
- “25 bliadhna bho cheannaich muinntir Chnòideirt an cuid fearainn fhèin”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen t-Sultain 2024. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2024.
- “Taighean aig prìs reusanta gan togail an Cnòideart”, Naidheachdan a' BhBC. 6mh dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2024.
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Lochan | An Linne Dhubh • Loch Iall |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |