Rùm
A' Bhrideanach
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan Tarsainn
Co-chomharran 57º T
6.35º I
Comharradh-clèithe NM360976
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 104.63 km²
Àireamh-shluaigh 22 (2011)
Dlùths 0.21/km²

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Rùm (IPA: [rˠuːm]). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh san àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus san àird an iar Mhallaig. Le 40 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Rùm an t-eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn.

Loch Fiachanais ann am meadhan Rùm
Caisteal Cheann Locha, a chaidh a thogail le George Bullough

An t-Eilean deasaich

Tha Ceann Locha (Beurla: Kinloch) na clachan as motha anns an eilean, tha e suidhichte san àird an ear an eilean aig ceann Loch Scresort, far a bheil am port-mara cuideachd. Tha Caisteal Cheann Locha faisg air a' bhaile a chaidh a thogail ann an 1900. 'S e "A' Bhrideanach" an t-àite as fhaide san iar dhen eilean. 'S e Askival (812 meatair/2,664 troigh) a’ bheinn as àirde a tha anns an eilean. Tha i suidhichte mu 5 cilemeatair san àird a deas Cinn Locha. Canar "Na Cuilthionnan Ruma" leis na beanntan anns an eilean, tha iad eadar-dhealaichte bho na Cuiltheann anns an Eilean Sgitheanach.

A-rèir cunntas-sluaigh 2011 tha 22 daoine a’ fuireach anns an eilean fhèin,[1] tha iad uile ann an Ceann Locha. Tha an cuid as motha dhiubh ag obair mar rannsachair neo luchd-obrach airson Scottish Natural Heritage. Tha iad ann còmhla leis an teaghlach aca, mar sin tha bun–sgoil beag ann le dìreach tidsear a-mhàin. Tha talla a’ bhaile, bùth agus oifis a’ phuist ann an Ceann Locha cuideachd, ach chan eil taigh-seinnse neo eaglais ann. [2] Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.

Eachdraidh deasaich

Bha daoine a’ fuireach ann an Rùm bhon 8mh linn RC, bha na Lochlannaich ann cuideachd. B’ àbhaist a bhith timcheall air 450 duine a’ fuireach air an eilean. Ach eadar 1826 is 1828, aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a h-uile duine an eilean fhàgail airson Rùm a chur fo chaoraich. Dh'fhàg 300 duine gu Alba Nuadh ann an 1826, agus an corr dhiubh ann an 1828 còmhla ri 150 duine eile à Eilean nam Muc.[3] Thuirt fianais-shùl a bha ann nach do dìochuimhnich e gu siorraidh brath:

"the wild outcries of the men and heart-breaking wails of the women and children filled all the air between the mountain shores".[4]

Ach cha robh gnìomhachas caoraich soirbheachail. Sgrìobh an t-eòlaiche-chreagan Hugh Miller:

The single sheep-farmer who had occupied the holdings of so many had been unfortunate in his speculations, and had left the island: the proprietor, his landlord seemed to have been as little fortunate as his tenant, for the island itself was in the market; and a report went current at the time that it was on the eve of being purchased by some wealthy Englishman, who purposed converting it into a deer forest. How strange a cycle! [5]

Reic MacLean of Coll Rùm don Marquess of Salisbury ann an 1845, chleachd esan an t-eilean airson spòrs agus fois a ghabhail. Ann an 1888, cheannaich John Bullough à Lancashire Rùm. An uair sin bha e aig Sir George Bullough, bha esan a' feuchainn ainm an eilein ag atharrachadh gu Rhum air sgàth 's nach toil leis a bhith na "Laird of Rum".

Anns a’ bhliadhna 1957 reic George Bullough an t-eilean don Nature Conservancy Council, ris an canar Scottish Natural Heritage san làithean an-diugh. Dh’atharraidh iad an t-eilean gu tèarmann-nàdair. A-nise tha Rùm ainmeil airson nan eòin, m. e.: bidh mu 100.000 sgrail (Puffinus puffinus) a' neadachadh an seo gach bliadhna. Tha biastan dubha, ròin, gobhair is iolaire-mara ann cuideachd.

Faic cuideachd deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  2. "Frequently Asked Questions" Isle of Rum community. a' tarraing air 27 an Dàmhair 2007.
  3. Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 39-40.
  4. Waugh, Edwin (1882) The Limping Pilgrim quoting an unknown shepherd. Recorded in Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 40.
  5. Miller, Hugh (1845) The Cruise of the Betsey. National Museums Of Scotland: (2000 reprint). ISBN 978-1-901663-54-9

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: