Malaig
Mallaig bahnhof.jpeg
Suidheachadh
Malaig is located in Alba
Malaig
Malaig (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Inbhir Nis
Parraist Gleann Eilg, Loch Abar
Co-chomharran 57° 0′ 5″ Tuath
5° 49′ 45″ Iar
Comharradh-clèithe NM675965
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 660[1] (2020)

'S e baile iasgaich cudromach a th' ann am Malaig[2] (uaireannan agus Beurla: Mallaig) air taobh siar Mòrair, anns na Garbh Chrìochan. Ann an 2020 bha 660 duine a' fuireach an seo.[1]

Bho seo tha aiseagan a’ ruith a dh'Armadal anns an Eilean Sgitheanach, dha na h-Eileanan Muc, Eige, Rùm agus Canaigh, agus a dh'Inbhir Aoidh agus An Tairbeart ann an Cnòideart. Tha aiseag cuideachd a' dol a Bharraigh agus Uibhist a Deas. Tha stèisean-rèile ann am Malaig agus bidh trèanaichean à Glaschu air Rathad Iarainn nan Eilean[3] a' crìochnachadh an seo an dèidh do Mòrar.

A rèir cunntas sluaigh ann an 2011 bha comas bruidhinn na Gàidhlige aig 102 duine a-mach a 777 neach ann am Malaig aig aois 3 is nas sine. A bharrachd air sin fhuaireadh a-mach gun robh 60 dhiubh a' cleachdadh na Gàidhlige aig an taigh.[4]

IomraidheanDeasaich

  1. 1.0 1.1 Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Oifis-chlàraidh na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
  2. Mallaig/Malaig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.
  3. Mallaig”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
  4. Scotland census 2011

Ceanglaichean a-machDeasaich