Bearaig a Tuath
Bearaig a Tuath | |
Bàgh an Ear, agus Meall Bhearaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 58′ 48″ Tuath 2° 46′ 48″ Iar |
Comharradh-clèithe | NT552852 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 7,840[1] (2020) |
Àireamh fòn | +44 (0)1620 |
Duilleag oifigeil | http://www.north-berwick.co.uk/index.asp |
'S e baile ann an Lodainn an Ear a tha ann am Bearaig a Tuath (Beurla: North Berwick).[2] Tha e suidhichte eadar Meall Bhearaig agus eileanan bholcànach mar Fhiodra agus an Creag nam Bathais.
Nuair a chaidh eilthirich do Cill Rìmhinn, chaidh iad mar as trice do Bearaig a Tuath gus an aiseag do Earlsferry ann am Fìobha a ghabhail. Thachair deuchainn buidseachd ann an 1591 nuair a rinneadh casaid air boireannach stoirm a chruthachadh gus bàta an Rìgh Seumas VI a chur fodha.[3] Chaidh e na bhaile-turasachd san 19mh linn an dèidh don loidhne rèile gu Dùn Èideann a thogail.
Tha mòran raon goilf ann, agus tha cala bòidheach an seo cuideachd. Tha stèisean rèile aig am baile agus tha e a' ceangal Bearaig a Tuath ri Dùn Èideann agus ri bailtean eile ann an Lodainn an Ear mar Bhaile nam Feusgan.
Daoine ainmeil
deasaich- Rugadh Gabrielle Keiller an seo.
- Chuir Robert Louis Stevenson seachad saor-làithean an seo.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Oifis-chlàraidh na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “North Berwick/Bearaig a Tuath”. Ainmean-Àite na h-Alba.
- ↑ Gazetteer for Scotland: North Berwick (Beurla). Air a tharraing 21 an Cèitean 2016.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- North Berwick High School (Beurla)
- Sula II Seabird Boat Trips (Beurla)
Bailtean | Athelstaneford • Baile Adainn • Baile na Craoibhe • Baile nam Feusgan • Barns an Iar • Bearaig a Tuath • Cùl Choinnich agus Port Seton • Dirleton • An Druim • Dùn Bàrr • Elphinstone • Fortune an Ear • Garvald • A' Ghualainn • Gifford • Inbhir Mhuice • Linton an Ear • Longniddry • Magh Mhoire • Obar Lìobhaite • Ormiston • Pencaitland • Prestonpans • Sliabh a' Chlamhain • Tranent • Wallyford • Whitecraig |
Eileanan | Creag nam Bathais • Creag Lìte • Fiodra • An Lam |