Pàrtaidh Alba
Pàrtaidh Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 2021 |
Luchd-stèidheachaidh | Laurie Flynn |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Neo-eisimeileachd |
Oifisean | 1 Lochrin Square, 92-98 Fountainbridge, Dùn Èideann, EH3 9QA.[1] |
Cathraiche | Ailig Salmond |
Suidheachain | Taigh an Ròid: 1. Westminster: 0 |
Riaghaltas | Às an riaghaltas (2024) |
'S e pàrtaidh a tha ag iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus an aghaidh fèin-aithneachadh gnè a tha ann am Pàrtaidh Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 2021 le Laurie Flynn a bha na neach-aithris is rinn iomairt an aghaidh asbestos.[2]
Cha bhi am pàrtaidh a' seasadh air na liostaichean sgìreil anns an Taghadh Albannach 2021. Tha iad a' brosnachadh luchd-bhòtaidh a bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson na sgìre agus airson Pàrtaidh Alba fhèin air an liosta roinneil airson "sàr-mhòr-chuid" airson neo-eisimeileachd fhaighinn.[3]
Chaidh Ailig Salmond na cheannard[4] is chaidh dà BhP SNP aig Westminster, Coinneach MacAsgaill is Neale Hanvey, sa' phàrtaidh anns a' Mhàirt 2021.[5] Chaidh Ash Regan sa' phàrtaidh ann an 2023.[6]
Chaill a h-uile tagraiche an t-eàrlas aca ann an 2024.[7] Bha Coinneach MacAsgaill ann an 8mh àite ann an Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse.[8]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Alba Party”. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ Richards, Xander: “Alba party membership surpasses Scottish LibDems in just one week, founder says”, The National. 2na dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 28mh dhen Ghiblean 2021.
- ↑ “Manifesto Pàrtaidh Alba air fhoillseachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ Wilson, Louise: “Salmond announces plan to stand for Holyrood as he launches Alba Party”, Holyrood Magazine. 26mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ Boyle, Cash: “Scotland’s Alba party has its first MSP after Ash Regan jumps ship”. 28mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2024.
- ↑ “An Taghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Alloa and Grangemouth - General election results 2024”, BBC News. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024.