Lodainn an Ear
'S e fear de Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Lodainn an Ear. B' àbhaist do Bhaile Adainn a bhith na phrìomh-bhaile ach 's e Baile nam Feusgan a th' ann an drasta.
Cruth na tìre
deasaichTha raointean guail sam pàirt shiarach na shiorrachd, faisg air Baile nam Feusgan agus Tranant. Tha Lodainn an Ear a' claonadh gu tuath on Lomair Mòr don mhuir. 'S e clach-ghainmhich liath, Ordobhicianach a tha anns an Lomair Mòr, agus tha clach-ghainmhich ruadh ann gu tuath. Tha aol-chlach ann ann an àiteachan eile, gu h-àraidh sna raointean guail. 'S e bholcànothan marbh a tha ann an Creag nam Bathais, Meall Bhearaig agus Dùn Peilleir.[1]
Poileataigs
deasaichTha e na sgìre sam Pàrlamaid Westminster. Thagh e Seòras Kerevan (SNP) mar Ball Pàrlamaid ann an 2015 agus Martin Whitfield (Làbarach) ann an 2017.[2]
Tha an mòr-chuid na shiorrachd na sgìre sam Pàrlamaid na h-Alba agus tha e anns an roinn Alba a Deas ach tha pàirt na siorrachd ann an sgìre Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan. Tha an sgìre sin anns an roinn Lodainn. Tha Iain Gray (Làbarach) na BhPA airson Lodainn an Ear agus Colin Beattie (Làbarach) na BhPA airson Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan.
Tha na Làbaraich a' riaghladh a' Chomhairle Lodainn an Ear.[3]
Bratach
deasaichChaidh bratach ùr a thogail ann an 2018.[4]
Daoine ainmeil à Lodainn an Ear
deasaich- William Dunbar (1460–1520), bàrd
- Iain Major (1467–1550), feallsanaiche is eachdraiche
- Gavin Douglas (1474–1522), bàrd is easbaig
- Iain Knox (1510–1572), leasachair
- John Muir (1838–1914), neach-àrainneachd
- Arthur Balfour (1848–1930), Neach-poileataigs, prìomhaire
- Iain Bellany (1942–2013), peantair
- Alasdair Barden (1963–1998), bàrd
- Rhona Camshron (1965–), comaig
Bailtean/Sgìrean co-cheangailte
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- “East Lothian Council Homepage”. Comhairle Lodainn an Ear. Air a thogail 18mh dhen Ghearran 2024.
Iomraidhean
deasaich- ↑ https://web.archive.org/web/20160304235710/http://www.landforms.eu/lothian/geology.htm
- ↑ “East Lothian parliamentary constituency - Election 2017”, BBC. Air a thogail 2na dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Political make up of East Lothian Council”. Comhairle Lodainn an Ear. Air a thogail 2na dhen Iuchar 2017.
- ↑ “East Lothian Flag”. Oifis a' Mhorair Lìomhainn. Air a thogail 19mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “Town Twinning - Twinning”. Comhairle Lodainn an Ear. Air a thogail 2na dhen Iuchar 2017.
- ↑ “East Lothian, The Great Britain” (Beurla). Comhairle Phardubice. Air a thogail 2na dhen Iuchar 2017.
Bailtean | Athelstaneford • Baile Adainn • Baile na Craoibhe • Baile nam Feusgan • Barns an Iar • Bearaig a Tuath • Cùl Choinnich agus Port Seton • Dirleton • An Druim • Dùn Bàrr • Elphinstone • Fortune an Ear • Garvald • A' Ghualainn • Gifford • Inbhir Mhuice • Linton an Ear • Longniddry • Magh Mhoire • Obar Lìobhaite • Ormiston • Pencaitland • Prestonpans • Sliabh a' Chlamhain • Tranent • Wallyford • Whitecraig |
Eileanan | Creag nam Bathais • Creag Lìte • Fiodra • An Lam |