Hondùras
'S e dùthaich ann am Aimearaga Mheadhanach a tha ann an Hondùras[1] (IPA: hɑnˈduːrəs). B' àbhaist ainm eile a bhith oirre: Hondùras Spàinnteach (Spanish Honduras sa Bheurla ). Mar sin dheth cha robh measgachadh ann le Hondùras Bhreatannaich (British Honduras sa Bheurla), a-nise Beilise. Tha crìochan aice le Guatamala san iar, le El Salbhador san iar-dheas agus le Niocaragua san ear-dheas. Tha an Cuan Sèimh san taobh a deas, agus an Gulf of Honduras, pàirt den Mhuir Charaibeach, san taobh tuath.
República de Honduras Hondùras | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Lùireach |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Himno Nacional de Honduras | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
"Libre, Soberana e Independiente"(Spàinntis) "Free, Sovereign and Independent" | |
Cànan(an) oifigeil | Spàinntis |
Prìomh-bhaile | Tegucigalpa |
Baile as motha | Tegucigalpa |
Riaghaltas | Poblachd deamocrach |
Ceann-suidhe | Juan Orlando Hernández |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Spàinn |
15mh an t-Sultain 1821 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 112,492 km² (102mh) |
Àireamh-shluaigh (2007) | |
Iomlan | 7,483,763 (96mh) |
Dlùths | 64/km² (128mh) |
LTD/CCC (2005) | |
gach pearsa | $3,009 (124mh) |
Roinn tìde | CST (UTC-6) |
Ruith-airgid | Lempira |
Prìomh àrainn-lìn | .hn |
Còd Àireamh fòn | 504 |
EachdraidhDeasaich
Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1824.[2]
IomraidheanDeasaich
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ UNICEF