Sìona (roinn chultarach)
'S e roinn chultaraich ann an Àisia a tha ann an Sìona[1][2][3] (Sìonais 中国, 中國, Zhōngguó = Rioghachd Meadhanach). 'S e aon de na sìobhaltasan as sine a tha ann air feadh an t-Saoghail. Tha e ann cho fad 's sia mìle bliadhna.
- Airson na dùthchannan no ciall eile, faic: Sìona.
Eachdraidh na Sìne
deasaich- 221–206 RC: Chaidh an t-Sìn aonachadh fo rìgh-shliochd nan Qin.
- 206 RC–220 an dèidh Chrìosta: Rìgh-shliochd nan Han
- 618–907: Rìgh-shliochd nan Tang
- 960–1279: Rìgh-shliochd nan Song
- 1368–1644: Rìgh-shliochd nam Ming
- 1557: Ghabh A' Phortagail aonta Macau
- 1644–1912: Rìgh-shliochd nan Qing
- 1839–1841: A' chiad Cogadh Opium. Chaill an t-Sìn eilean Hong Cong agus bhuannaich an Rìoghachd Aonaichte e.[4]
- 1856–1860: Dàrna Cogadh Opium
- 1898: Gabh an Rìoghachd Aonaichte aonta nan Ranntairean Ùra faisg air Hong Cong agus 235 eilean eile
- 1912: Aramach agus stèidhicheadh Poblachd na Sìne
- 1949: Stèidhicheadh Sluagh-Phoblachd na Sìne. Theich ùghdarrasan Poblachd na Sìne gu Tai-Bhàn. An dèidh sin tha Tìr-mòr na Sìne fo smachd na Sluagh-Phoblachd
- 1997: Thill Hong Cong fo smachd na Sluagh-Phoblachd
- 1999: Thill Macau fo smachd na Sluagh-Phoblachd[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse (duilleag 209, 326, 636, 666)
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
- ↑ Dùthchannan ag SMO
- ↑ “Hong Kong profile”, BBC News. 4mh dhen t-Sultain 2023. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2024.
- ↑ “China country profile”, BBC News. 25mh dhen Lùnasdal 2023. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2024.