B' e Rìgh na Frainge fad dìreach 19 mìos eadar 29 an t-Samhain 1314 is 5 an t-Ògmhios 1316 a bh' ann an Louis X[1] (far-ainm: Louis le Hutin (Gàidhlig: dùr),[2] Paris, 4 an Dàmhair 1289Vincennes, 5 an t-Ògmhios 1316). Bhuineadh e dha na Capetianaich (Fraingis: Capétiens).[3] Phòs e Mairead à Bourgogne ann an 1305 ach rinn ise adhaltranas agus chaidh a cur gu bàs. Rug Mairead nighean dha, Seonag I à Nafarroa, ann an 1311. Phòs e a-rithist Clémence às an Ungair ann an 1315. Rug ise mac dha, a chaochail na phàiste an ath bhliadhna. Air 3 an t-Iuchar 1315 thug e a-mach Èigheachd Rìoghail a chuir às do tràilleachd agus a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre.[4] Chaochail e an dèidh glainne fìona fuar òl agus esan a' faireachdainn gu math tè leis gu robh e a' cluiche seòrsa de teannas air an robh jeu de paume. Bha e dìreach 26 bliadhna a dh'aois.[5]

Louis X na Frainge
rìgh Navarra

4 dhen Ghiblean 1305 - 5 dhen Ògmhios 1316
Joan I Navarre - Jean I na Frainge
Rìgh na Frainge

29 dhen t-Samhain 1314 - 5 dhen Ògmhios 1316
Philip IV na Frainge - Jean I na Frainge
Beatha
Breith Paris, 4 dhen Dàmhair 1289
Dùthaich  An Fhraing
Kingdom of Navarre
Bàs Vincennes, 5 dhen Ògmhios 1316
Àite-adhlacaidh Basilica of Saint-Denis (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair Philip IV na Frainge
Màthair Joan I Navarre
Cèile Margaret of Burgundy (en) Translate  (23 dhen t-Sultain 1305, 23 dhen t-Sultain 1305 (Gregorian) -  30 dhen Ghiblean 1315)
Clementia of Hungary (en) Translate  (19 dhen Lùnastal 1315, dhen Lùnastal 1315 (Gregorian) -  5 dhen Ògmhios 1316)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine rìgh-shliochd Capet
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd

Iomraidhean deasaich

  1. Cawley, Charles: “France, Capetian Kings”. Foundation for Mediaeval Genealogy. Air a thogail 12mh dhen Lùnasdal 2018.
  2. « hutin », définition dans le dictionnaire Littré(Fràngais). François Gannaz. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2018.
  3. Brown, Elizabeth A. R. (1993): “Kings Like Semi-Gods : the Case of Louis X of France,” ann an: Majestas, àir. 1, td. 5-37.
  4. 610 à 1492: L'esclavage dans l'Europe médiévale(Fraingis). herodote.net. Air a thogail 12mh dhen Lùnasdal 2018.
  5. Gobry, Ivan (2010): Louis X : Fils de Philippe IV le bel. Pygmalion, td. 1314-1316. ISBN 978-2756402260.