'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Màili, [1], ainm eile: Mailidh[2] , Màilidh[3] neo Maili;[4] ainm oifigeil: Poblachd Mhàili (Fraingis: République du Mali). Tha crìochan aice san ear le Nìgeir, sa tuath le Aildiria, san iar le Seanagal agus Moratainia, sa deas le Buircina Fhaso agus le Costa Ìbhri. Tha an Abhainn Niger agus an Abhainn Senegal ann an taobh a deas cuideachd. 'S e Bamako am prìomh-bhaile.

République du Mali
Flag of Mali.svg
Bratach
Seal of Mali.gif
Lùireach
LocationMali.svg
Laoidh Nàiseanta
Pour l'Afrique et pour toi, Mali
"For Africa and for you, Mali"
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Un peuple, un but, une foi"
"One people, one goal, one faith"
Cànan(an) oifigeil Fraingis (Fraingis Màilianach)
Prìomh-bhaile Bamako
Baile as motha Bamako
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Assimi Goïta
Prìomh-mhinistear Choguel Kokalla Maïga
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Fhraing
22mh an t-Sultain 1960
Farsaingeachd
Iomlan 1,240,192 km² (24mh)
Uisge 1.6 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 11,995,402 (73mh)
Dlùths 11/km² (207mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa $1,154 (166mh)
Roinn tìde UTC
Ruith-airgid CFA franc
Prìomh àrainn-lìn .ml
Còd Àireamh fòn 223

EachdraidhDeasaich

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1222 nuair a bha Sundjata Keïta os cionn na h-impireachd.[5]

Ghabh Assimi Goïta grèim air smachd ann am Màili dà thuras, anns an Lùnastal 2020 agus a-rithist anns a' Chèitein 2021.[6]

Croitearachd MàiliachDeasaich

Tha mìltean de chroitearan ann an Màili ach chan eil laghan croitearachd anns an tìr sin, agus tha naidheachd a' tighinn a mach às an duthaich[7] gu bheil riaghaltas Mhàili an diugh a' toirt gabhaltasan ri agra-calpanaich bho tìrean chèin.

Tha ùghdarras nàiseanta don b' ainm Office du Niger a' sealbhachadh mu deidhinn 1,200,000 heactair ri taobh Abhainn de Niger, ach anns an 80 bliadhna mu dheireadh cha chuireadh sgeamaichean uisgeachaidh an gnìomh a leasaich ach 80,000 heactair. Mar sin tha beò-shlàinte de na croitearan ri taobh na h-aibhne a' crochadh air na uisgeachan bliadhnail o gu h-àrd. Tha seo na cothrom leasachaidh do luchd-chalpa bho tìrean nas beairteach - Libia nan measg, agus tha an riaghaltas a' faicinn cothrom air airgead, ged a chosgas seo beatha nan croitearan.

Da rèir Abou Sow, Prìomh-Stiùiriche Office du Niger, chan eil comas aig an t-sluagh an talmhainn a leasachadh, agus tha a h-oifis air suas ri 240,000 heactair a thoirt seachad do chalpanaich. Tha aithrisean air nochdadh de shaighdearan a' cur ionnsaigh air cuid tuathanaich, agus do rèir Ibrahima Coulibaly, Taoiseach den Chomataidh Co-òrdanachaidh airson Eagar-bhuidhnean nan Tuathanaich agus Croitearan Màilianach "Bithidh an goirt a' toisich a dh'aithghearr".

BailteanDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. Finkelman and Miller, Macmillan Encyclopedia of World Slavery
  6. Melly, Paul: “Mali coup: Col Goïta seizes power - again”, BBC News. 27mh dhen Chèitean 2021. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2021. 
  7. "Fears over new scramble for Africa Neil MacFarquhar, Scotland on Sunday; 26 an Dùbhlachd 2010 ".

Ceanglaichean a-machDeasaich

 
Mosg ann an Djenné
 
Margadh ann an Kati, Màili
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: