Elba
'S e eilean a th’ ann an Elba (Eadailtis: Isola d'Elba) agus tha e suidhichte 20km air falbh bho Piombino anns an Eadailt. 'S e an t-eilean as motha ann an Toscana a th’ ann agus an treas eilean as motha san dùthaich an dèidh Sicilia agus Sardainia.
Tha Elba agus na h-eileanan eile (Gorgona, Capraia, Pianosa, Montecristo, Giglio agus Giannutri) uile taobh a-staigh Pàirce Nàiseanta Innis-mhuir na Toscana (Eadailtis: Parco Nazionale Arcipelago Toscano). Tha Corsica, a tha fo riaghladh na Frainge, 50km mu dheas air Elba. Tha an t-eilean air a roinneadh ann an ochd sgìrean: Portoferraio, Campo nell'Elba, Capoliveri, Marciana, Marciana Marina, Porto Azzurro, Rio Marina agus Rio nell'Elba. Tha uachdar uile gu lèir dhe 224km² agus oithrir mu 147km aige. 'S e Monte Capanne, aig 1,018m, a’ bheinn as àirde. Tha àireamh-sluaigh dhe 30,000 air an eilean.
Ìomhaighean
deasaich-
Elba agus Corsica, bho Scarlino.
-
uisge liath an eilein.
-
Oirthir an iar.
-
Tràigh ann an Cavoli.
-
Beinn Capanne, an tè as àirde air an eilean.
-
Dol fodha na grèine aig Bàgh Nisporto.
-
An taigh aig Napoleon Bonaparte, ann am Portoferraio.
-
Elba bhon fhànais, An Gearran 1994.