Moireibh (sgìre Phàrlamaid Westminster)
sgìre Phàrlamaid Westminster
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Moireibh (Beurla: Moray).
Moireibh | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
A' chiad taghadh | 1983 |
An taghadh mu dheireadh | 2019 |
Chaidh a cruthachadh ann an 1983 o phàirtean on sgìre Mhoireibh agus Inbhir Narann agus an sgìre Banbh. Bu ionann crìochan na sgìre seo agus crìochan a' Chomhairle Mhoireibh.[1] Bha i ann an crìch ri Gòrdan, Siorrachd Bhanbh agus Bùchainn, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè agus Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn.
Chaidh mòr-chuid na sgìre san sgìre ùr Moireibh an Iar, Inbhir Narann agus Srath Spè agus pìos beag ann an taobh an ear ann an Siorrachd Obar Dheathain a Tuath agus Moireibh an Ear airson Taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024.[2]
Buill Pàrlamaid
deasaich- Dùghlas Ross (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) (2017–2024)[3][4]
- Aonghas Robasdan (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2001–2017)[4]
- Mairead Ewing (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (1987–2001)
- Ailig Pollock (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) (1983–1987)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
- ↑ “Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “General Election 2017: SNP deputy leader Angus Robertson loses seat”, BBC. 9mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ 4.0 4.1 “Moray parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
Buill Pàrlamaid Westminster