Franz Kafka
Rugadh Franz Kafka (IPA: ˈfʁants ˈkafka) (Pràg, 3 an t-Iuchar 1883 – Kierling, 3 an t-Ògmhios 1924) ann an teaghlach Iùdhach a' bruidhinn na Gearmailtise ann am Pràg, anns a' phàirt den Ìmpireachd Ostaireach-Ungaireach far a bheil a-nis am Poblachd Seiceach. 'S e fear de na sgrìobhadairean as cliùitiche agus suaicheantaiche den 20mh linn a tha ann.
Cha deach mòran de na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh aig àm a bheatha. Dh'fhàg e na sgrìobhaidhean aige nach do chrìochnaich e aig Max Brod is dh'òrdaich e do Bhrod gun losgadh e iad, ach nuair a theich Brod à Pràg ann an 1939, ghabh e na sgrìobhaidhean le Kafka leis do Phalastain,[1] dh'fhoillsich e iad agus dh'fhàs Kafka nach maireann ainmeil. Am measg nan sgrìobhaidhean as ainmeile leis tha Der Process ("An Deuchainn"), Die Verwandlung ("Am Meatamorfosas") agus Das Schloss ("An Caisteal").
Rinn Edwin Muir, an sgrìobhadair Albannach, agus a bhean, Willa Muir, na ciad eadar-theangachaidhean de dh'obair aig Kafka gu Beurla, a gabhail a-steach Der Prozess (mar The Trial)[2] agus Die Verwandlung (mar Metamorphosis).[3]
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Flood, Alison: “Huge Franz Kafka archive to be made public”, The Guardian. 15mh dhen Dàmhair 2012. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “The Trial by Franz Kafka”. Penguin Books Limited. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2018.
- ↑ “Metamorphosis and Other Stories”. Penguin Books Limited. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2018.