Adolf Eichmann
B' e eucoireach-cogaidh Nàsach às A' Ghearmailt agus An Ostair a bh' ann an Otto Adolf Eichmann (IPA: ˈɔtoː ˈʔaːdɔlf ˈʔaɪçman, Solingen, 19 am Màrt 1906 - Ramla, 1 an t-Ògmhios 1962).[1] Na oifigear meadhannach an SS fo Reinhard Heydrich, fhuair Eichmann òrdughan taobhan an Uile-losgaidh ceangailte ri logastachd fuadachadh nan Iùdhach dhan na campaichean-losgaidh a chur air chois. Rinn esan a dhìcheall. 'S ann ainmeil 's a tha Eichmann ann latha an-diugh air sgàth 's gun tug feachdan dìomhair Iosrael am bruid e o Bhuenos Aires, far a theich e an dèidh An Dàrna Cogaidh, agus thugadh breith airsan ann an taigh-chùirt ann an Ierusalem. Chuireadh gu bàs Eichmann ann am prìosan ann an Ramla, air 1 an t-Ògmhios 1962. Sgrìobh Hannah Arendt leabhar mun chùis-lagha siud, air an robh Eichmann in Jersusalem,[2] a sheall cho àbhaisteach cuibheasach meadhannach 's am biodh daoine a tha a' gabhail ris an olc.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Cesarani, David (2005) [2004]. Eichmann: His Life and Crimes. Lunnainn: Vintage. ISBN 978-0-09-944844-0.
- ↑ Hannah Arendt, Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil. Penguin Publishing Group. ISBN 978-1-101-00716-7