'S e am prògram foghlaim as àirde ann am mòran oilthighean a th' ann dotaireachd (Laideann: docere “teagasg”).[1] Tha e a' toirt a-steach greiseag far am bithear a' teagasg agus a' dèanamh rannsachaidh, le leughadh poblach aig deireadh pròiseact no tràchdas dotaireil air cuspair sònraichte. Tha an dotaireachd eadar-dhealaichte bho na mhaighstirean no prògraman coltach ris oir tha co-phàirt teòiridheach làidir aice a tha ag amas air rannsachadh oilthighe. 'S ann aig ìre ISCED 8 a tha dotaireachd.[2] Tha cùrsaichean iar-cheumnach ann, a thathas a' meas mar an aon ìre ISCED ris an PhD oir is e leudachadh no tagraidhean a th' annta gu tric. A rèir Èigheachd Bhologna agus am frèam foghlaim àrd-ìre ùr san Aonadh Eòrpach, tha i a' freagairt ris an treas cearcall de sgrùdaidhean oilthigh. Ann an iomadh dùthaich, 's e th'ann tha riatanas airson a bhith na ollamh oilthighe. Tha i a' toirt a-steach ceum maighstireachd, obair a bheir a’ chòir air ceum eadar-mheadhanach agus an tràchdas deireannach, air ullachadh leotha fhèin, le cuideachadh bho stiùiriche tràchdas agus oide. Tha dotairean ceangailte ri roinnean a tha a' riochdachadh nan diofar roinnean eòlais. Tha fad caochlaideach aca, gun a bhith nas lugha na trì bliadhna.[3]

Dotairean Ainmeil

deasaich

Tràchdasan PhD Sgrìobhte anns a' Ghàidhlig

deasaich
  • Dòmhnall Uilleam Stiùbhart (1997) An Gàidheal, a’ Ghàidhlig, agus a’ Ghàidhealtachd san t-Seachdamh Linn Deug. Oilthigh Dhùn Èideann.[5][6]
  • Roy Wentworth (2004) Rannsachadh air Fòn-eòlas Dualchainnt Ghàidhlig Gheàrrloch, Siorrach Rois. Sàbhal Mòr Ostaig/Oithigh Obar Dheathain.[7][6]
  • Aonghas MacCoinnich (2004) Tùs gu Iarlachd: Eachdraidh Clann Choinnich, c1466-1638. Oilthigh Obar Dheathain.[8][6]
  • Timothy Currie Armstrong (2009) Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra: Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua. Sàbhal Mòr Ostaig/Oilthigh Obar Dheathain.[9][6]
  • Sìm Roy Innes (2011) Cràbhachd do Mhoire Òigh air a’ Ghàidhealtachd sna Meadhan-aoisean Anmoch, le Aire Shònraichte do Leabhar Deadhan Lios Mòir. Oilthigh Ghlaschu.[10][6]
  • Aonghas Uilleam Gearóid Mac Leòid (2014) An Dàn Fada Gàidhealach – 1900-1950: Sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne. Oilthigh Ghlaschu.[11]
  • Sìleas NicLeòid (2014) Cànain agus Cultar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: Neartan, Duilgheadasan agus am Buaidh air Comasan is Seasamhan Cànain na h-Òigridh. Sabhal Mòr Osgaig/Oilthigh Obar Dheathain.[12]
  • Tòmas MacAilpein (2017) Cultar agus an comann-sòisealta ann an Ìle, mu 1890 gu 1960. Oilthigh Ghlaschu.[13]
  • Catrìona Mòrag NicNèill (2018) Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich. Sabhal Mòr Osgaig/Oilthigh Obar Dheathain.[14]
  • Iain Gray Howieson (2021) Bàrdachd Baile an Naoidheamh Linn Deug – Ath-mheasadh. Sabhal Mòr Ostaig/Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.[15]

Iomraidhean

deasaich
  1. Prospects
  2. Boncea Amelia Georgiana, Vîrtop Sorin-Avram(2015):Certificarea competențelor specifice profesiunii didactice.
  3. Vitae
  4. UGLA
  5. Domhnall Uilleam Stiùbhart”.
  6. 6.0 6.1 6.2 6.3 6.4 McLeod, Wilson (2013): “A' Ghàidhlig Sgoilearail: Cothroman is Cnapan-starra”, Rannsachadh na Gàidhlig 6, Ó Baoill, C. & McGuire, N. deas., An Clò Gàidhealach, td. 295, nòta 1. 
  7. Gàidhlig Gheàrrloch”.
  8. Tùs gu Iarlachd : eachdraidh Clann Choinnich, c1466-1638”.
  9. Timothy Currie Armstrong”.
  10. Cràbhachd do Mhoire Òigh air a’ Ghàidhealtachd sna meadhan-aoisean anmoch, le aire shònraichte do Leabhar Deadhan Lios Mòir”.
  11. Aonghas Uilleam Gearóid Mac Leòid”.
  12. Sìleas NicLeòid”.
  13. Cultar agus an comann-sòisealta ann an Ìle, mu 1890 gu 1960”.
  14. Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich”.
  15. Bàrdachd Baile an Naoidheamh Linn Deug – Ath-mheasadh”.

Ceanglaichean a-mach

deasaich