Oilthigh Heidelberg
Oilthigh Ruprecht-Karl Heidelberg | |
Facal Suaicheantais | Semper apertus |
Stèidhichte | 1386 |
Suidheachadh | Heidelberg, a' Ghearmailt |
Oileanaich | 25,000 |
Làrach-lìn | http://www.uni-heidelberg.de/ |
Is e an t-oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Ruprecht Karl Heidelberg (Ruprecht-Karls-Universität Heidelberg ‘sa Ghearmailtis, Ruprecht Karl University of Heidelberg sa Bheurla). Tha e ann an Heidelberg ann am Baden-Württemberg anns an Iar dheas na Gearmailt.
Chaidh a stèidheachadh le cead bho Pàpa Urban VI ann an 1386 anns an Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus bha e ag obair bhon uair sin gun stad. Airson mòran linntean bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd.
Tha leabharlann ainmeil ann cuideachd. Ann an 1388 thoisich a’ chiad cheannard an oilthigh air leabhraichean a chruinneachadh ann am bocsa. Ach anns an 16mh linn bha leabharlann mòr an ris an canar Bibliotheca Palatina le tòrr leabharaichean aosmhòr às na Meadhan-Aoisean. Ach chaill an t-oilthigh an cuid as motha de na leabhraichean anns an “Cogadh airson 30 bliadhna” don àrd-eaglais na Ròimhe. An dèidh Congress of Vienna ann an 1816 fhuair iad na leabhraichean Gearmailteach air ais.
An diugh tha nas motha na 3 millean leabhraichean ann.
Daoine cudthromach ann an Oilthigh Heidelberg
deasaich- Nikolaus von Kues, (1401-1464), neach-feallsanach ainmeil anns an 15mh linn
- Philipp Melanchthon, (1497 – 1560)
- Georg Wilhelm Friedrich Hegel, (1770 - 1831), neach-feallsanach
- Joseph Karl Benedikt von Eichendorff, (1788-1857), bàrd agus sgrìobhadair ainmeil anns a’ Ghearmailt
- Robert Bunsen, (1811-1899)
- Gustav Kirchhoff, (1824 - 1884), fiosaiche a lorg caesium agus ruibidium.
- Albrecht Kossel, (1853-1927), fhuair e Duais Nobel 1910 airson eòlas-leighis
- Philipp Eduard Anton von Lénárd, (1862 -1947), fhuair e Duais Nobel nàdar-fheallsanachd ann an 1905
- Fritz Haber, (1868-1934), fhuair e Duais Nobel Ceimigeachd ann an 1918
- Otto Heinrich Warburg, (1883-1970), ), fhuair e Duais Nobel 1931 airson eòlas-leighis
- Karl Theodor Jaspers, (1883-1969), neach-feallsanach
- Otto Fritz Meyerhof, (1884 -1951), fhuair e Duais Nobel 1922 airson eòlas-leighis còmhla ri Archibald Vivian Hill
- Walther Wilhelm Georg Bothe, (1891 - 1957), fhuair e Duais Nobel nàdar-fheallsanachd ann an 1954 còmhla ri Max Born
- Georg Wittig, (1897-1987), fhuair e Duais Nobel Ceimigeachd ann an 1979
- Joseph Goebbels, (1897 - 1945). Nàsach.
- Richard Kuhn, (1900-1967), fhuair e Duais Nobel Ceimigeachd ann an 1938
- Johannes Hans Daniel Jensen, (1907-1973) fhuair e Duais Nobel nàdar-fheallsanachd ann an 1963 còmhla ri Maria Goeppert-Mayer
- Helmut Kohl, (*1930), seannsalair na Gearmailt bho 1982 gu 1998
- Theodor W. Hänsch (*1941), fhuair e Duais Nobel nàdar-fheallsanachd ann an 2005 còmhla ri John L. Hall agus Roy J. Glauber
- Bert Sakmann (* 1942 ), fhuair e Duais Nobel 1991 còmhla ri Erwin Neher airson eòlas-leighis
- Wolfgang Ketterle (* 1957), fhuair e Duais Nobel nàdar-fheallsanachd ann an 2001 còmhla ri Eric Allin Cornell agus Carl Wieman
- Hannah Arendt (1906 - 1975), Neach-teòiridh poileataigeach, feallsanaiche agus sgrìobhadair Gearmailteach-Aimearaganach