Glaschu
Glaschu Glesga Glasgow
| |||||
Seallaidhean air Glaschu | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Co-chomharran | 55° 51′ Tuath 4° 15′ Iar | ||||
Comharradh-clèithe | NS590655 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 3,298 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 580,690 (2007) | ||||
Dlùths | 176.07/km² | ||||
Àireamh fòn | 0141 | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Baile Ghlaschu |
'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, a' Bheurla Ghallta: Glesgie no Glesca[1]) ged as e Dùn Èideann prìomh-bhaile na dùthcha.
'S e fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais.[2][3] Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh.
Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann.[4] Chaidh an STUC a stèidheachadh an seo ann an 1897.
Ceàrnan
deasaichGed a bha caochladh thuineachaidhean airson nam mìltean de bhliadhnaichean far a bheil Glaschu na laighe aig an àm a tha an làthair, chaidh a' bhaile fhèin a stèidheachadh le Naomh Mungo timcheall eaglais far a bheil an Cathair-eaglais Ghlaschu an-diugh. Rè nan linntean, sgaoil am baile gu mòr anns gach àird, thar Abhainn Chluaidh mar an ceudna, agus thionndaich iomadh clachan is baile eile gu pàirt den chathair. Tha e a-nis ann an crìch ri Rinn Friù agus Bruach Chluaidh gu taobh an iar. Chaidh Comhairle Baile Ghlaschu a chuir air bonn ann an 1996 agus tha 21 uàrdan fon smachd aice a-nis.
Meadhan na Cathrach
deasaichTha Meadhan na Cathrach air a chuairteachadh le Abhainn Chluaidh air a thaobh a deas, leis an t-Sràid Àird is Margadh an t-Salainn air a thaobh an ear, agus air a thaobhan a tuath is an iar leis a' mhòr-rathad M8 a chaidh a thogail eadar 1968 agus 1972. Tha iomadh àite agus togalach cudromach suidhichte ann am meadhan na cathrach, m.e.:
- Ceàrnag Sheòrais le Seòmraichean na Cathrach ("City Chambers" sa Bheurla), far a bhios Comhairle Baile Ghlaschu a' coinneachadh;
- stèidheachaidhean foghlaim mar Oilthigh Srath Chluaidh no Conservatoire Rìoghail na h-Alba;
- an dà stèisean rèile as motha ann an Glaschu (Glaschu Mheadhain is Glaschu Sràid na Banrighinn);
- an togalach agus an taigh-còmhnaidh as sine anns a' chathair aig ceann na Sràide Àirde, fa leth Cathair-eaglais Ghlaschu agus "Provand's Lordship";
- làthairean cultarach mar Thaigh-cluiche Rìoghail, Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu no Gailearaidh Ealain Ùr-nòsach
- àrainnean bhùthan mar Shràid Bhochanan, Sauchiehall Street no Ionad Naomh Enoch.
Ceann an Iar
deasaichTha Ceann an Iar air a' cheàrn dìreach ri taobh Meadhan na Cathrach, ged a tha farsaingeachd na h-abairte a' fàs. Tha Abhainn Cheilbhinn a' ruith tron cheàrn ro a comar le Abhainn Chluaidh. Am measg nan àiteachan cudromach ann tha Oilthigh Ghlaschu, Pàirc Kelvingrove (anns a bheil Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove), taigh-tasgaidh còmhdhail ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus Gàrradh Lusan Ghlaschu. 'S ann ann an Ceann an Iar a tha Partaig, a' phàirt Ghlaschu as motha a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus na Gàidheil, le buidhnean mar Comhairle nan Leabhraichean.
Ceann an Ear
deasaichTha Ceann an Ear Ghlaschu a' sìneadh bho Mheadhan na Cathrach gu siorrachdan Lannraig a Tuath is Lannraig a Deas. Dlùth ri Cathair-eaglais Ghlaschu tha cladh air a bheil Cladh Mór Ghlaschu; beagan a deas air tha pàirc Lèanag Ghlaschu leis taigh-tasgaidh Lùchairt a' Phobaill. Tha taigh-grùide Wellpark Brewery far a bheil Tennent's Lager air a dhèanamh, margaid ainmeil Barrowland agus ionad-cluiche ball-coise aig C.B. Celtic (Celtic Park) ann cuideachd. Ge-tà, 's e sònaichean taigheadais mar Charntyne agus Easterhouse a tha a' cruthachadh pàirt as motha dhen cheàrn.
Taobh a Deas
deasaichThathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' BhBC Scotland agus an STV, lann-cluiche buill-choise nàiseanta Pàirc Hampden no grunn phàircean, agus ionad-cluiche ball-coise aig C.B. Rangers Lann-cluich Ibrox (Ibrox Stadium) ann cuideachd. Nam measg Pàirc Dùthcha Pollok, an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach Cruinneachadh Bhurreill. Tha mòran iomall-bhailtean agus bailtean-eisimeil aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. An Ruadh-Ghleann agus Camas Long ann an Siorrachd Lannraig a Deas no Giofnag ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear. Tha Gort a' Bhaile ann cuideachd.
Glaschu a Tuath
deasaichTha Glaschu a Tuath a' sgaoileadh gu Bruach Chluaidh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar agus Cille Phàdraig Ùr, Muileann-Ghaidh agus Drochaid an Easbaig ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear. Lorgar ann an dà chuid ceàrnan nas beartaiche mar Thaobh Cheilbhin a Tuath ann an Cnoc Mhoire, ceàrnan ath-ghinte mar Ruchill agus ceàrnan nas bochda mar Phàirc Phosail no Sighthill far a bheil as àirde àireamh nan comraichean. Tha Rathad-Uisge Fhoirthe is Chluaidh a' ruith troimhe: canàl a bha glè chudromach airson eaconomaidh a' bhaile anns an 19mh linn, mar a bha factaraidh airson pùdair gealachaidh Naomh Rollox ann an Allt an Fhuarain, aig aon àm factaraidh ceimigeach nas motha anns an t-saoghal.[5]
Sluagh-thomhas
deasaichTha Glaschu na cathair le àireamh-shluaigh as motha ann an Alba airson na linntean. Eadar na 1920an is na 1960an bha barrachd air aon mhillean duine a' fuireach anns a' chathair, leis an àireamh a bu mhotha air a' chlàradh ann an 1931, nuair a ràinig e 1,088,000.[6]
A rèir a' chunntais-shluaigh 2011, bha 593,200 duine a' fuireach ann.[7] Mar an ceudna, bha dùbhlachd sluaigh na bu mhotha ann an Glaschu na ann an comhairle ionadail eile sam bith anns an dùthaich, .i. 3,395 duine airson cilemeatair ceàrnagach (no 1,311 duine airson mìle ceàrnagach).[8] Cuideachd, tha dòchas-beatha as lugha anns an Rìoghachd Aonaichte ann an Glaschu: ann an 2011, b' e sin 71 bliadhna airson fireannaich agus 78 airson boireannaich (bha na cuibheasan 75 agus 80 airson Alba air fad).[9]
Leis an in-imrich eachdraidheil bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan do Ghlaschu, tha coimhearsnachd gu dàimheach mòr den luchd-labhairt na Gàidhlig ann. Gu ruige 7/4/2013, chan deach toradh a' chunntais-shluaigh 2011 fhoillseachadh, ach aig àm a' chunntais-shluaigh 2001, bha 0.94%, .i. beagan nas lugha na 6,000 duine, ga bruidhinn ann.[10]
Giùlan
deasaichRathad-iarainn
deasaichTha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sasainn agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.
Fo-rèile
deasaichDh'fhoillsich rèile fon talamh Ghlaschu no Glasgow Subway air 14 Dùbhlachd 1896 mar an treas siostam fo-rèile anns an t-saoghal (as dèidh fo-rèilean Lunnainn agus Budapest). Chaidh a dealanachadh ann an 1937, ach cha do dh'atharraich cùrsa na dà loidhne aice. Tha an "Cearcall a-muigh" a' ruith gu deiseil agus an "Cearcall a-staigh" gu tuathail. 'S iad na stèiseanan (a' leantainn a' Chearcall a-muigh): Pàrtaig – Kelvinhall – Ceann a' Chnuic – Kelvinbridge – St George's Cross – Cowcaddens – Buchanan Street – St Enoch – (fon Abhainn Chluaidh) – Bridge Street – West Street – Shields Road – Pàirc a' Choinein – Cessnock – Ibrox – Baile a' Ghobhainn – (fon Abhainn Chluaidh) – Pàrtaig. 'S e Strathclyde Partnership for Transport (SPT) a tha ag obrachadh na rèile.
Rathaidean
deasaichTha an rathad as trainge ann an Alba, am M8 (o Langbank gu Dùn Èideann) a' ruith tron bhaile, is pàirt dhith na tè de na crìochan Meadhan na Cathrach. Tha rathaidean mòra eile a' sgaoileadh a-mach às-san anns a' chathair: an A82 (air a tha "Rathad Mòr an Iar" cuideachd) taobh Earra-Ghàidheal agus na Gàidhealtachd gu ruige Inbhir Nis, am M80 gu Sruighlea, am M77 gu Cille Mheàrnaig, agus am M74/A74(M) gu Greatna.
Busaichean
deasaich'S e Stèisean Bhusaichean Bochanan am prìomh stèisean bhusaichean anns a' chathair. Tha e stèidhichte ann am meadhan na cathrach, beagan an taobh a tuath air stèisean-rèile Sràid na Banrighinn. 'S e an SPT a tha ag obrachadh an stèisein, ach tha seirbheisean nam busaichean fhèin ag obrachadh le First, McGill's, Stagecoach agus Glasgow Citybus.
Puirt-adhair
deasaichTha trì puirt-adhair faisg air Glaschu: Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu (còd GLA) eadar Glaschu, Pàislig agus Rinn Friù, an dàrna port-adhair as motha ann an Alba (an dèidh Port-adhair Dhùn Èideann); Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig (PIK) aig Preastabhaig (an taobh a tuath air Inbhir Àir); agus Port-adhair Dhùn Èideann (EDI) fhèin.
Aiseagan
deasaichBha iomadh aiseig anns a' bhaile, ach chan eil ach am fear bhon Eochair gu Rinn Friù ag obair tuilleadh.
Foghlam
deasaichTha trì oilthighean ann an Glaschu:
- Oilthigh Ghlaschu, stèidhichte ann an 1451; an dàrna oilthigh as sine ann an Alba;
- Oilthigh Srath Chluaidh, stèidhichte ann an 1796 mar "Andersonian Institute";
- Oilthigh Chailleannach Ghlaschu, stèidhichte ann an 1993 mar choimeasgadh de Ghlasgow Polytechnic agus Colaisde na Banrighinn.
A bharrachd air sin tha Oilthigh na h-Alba an Iar ann am Pàislig, dìreach 7 mìle bho mheadhan Ghlaschu. Cuideachd, tha seachd colaisdean fhoghlaim adhartaich anns a' bhaile: Colaisde Fhearann Anna, Colaisde Chair Dhòmhnaill, Colaisde Bhaile Ghlaschu, Colaisde Stow (a tha a' tairgsinn cùrsaichean Ghàidhlig), Colaisde Ghlaschu a Tuath, Colaisde John Wheatley agus Colaisde a' Thaobh Fhada. Mar sin, tha 168,000 oileanach anns a bhaile, àireamh as motha ann an Alba.[fianais a dhìth]
Tha 29 àrd-sgoiltean, 149 bun-sgoiltean agus trì sgoiltean àraidh ann an Glaschu, nam measg Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, bun-sgoil is àrd-sgoil a' lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig as motha ann an Alba.
Na meadhanan
deasaichTha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba, nam measg na stèiseanan telebhisein BBC Scotland, BBC Alba agus STV. Am measg nam pàipearan a tha air am foillseachadh an seo tha The Herald, an Daily Record agus na h-Evening Times. A thuilleadh air seanailean an rèidio aig a' BhBC, tha iomadh rèidio ionadail a' craoladh anns a' chathair, m.e. Celtic Music Radio (1530 kHz, air loidhne), Capital Scotland (105.7 & 106.1 MHz, air loidhne), Clyde 1 (97.0, 102.3, 102.5 and 103.3 MHz, air loidhne), Clyde 2 (1152 kHz, air loidhne), 105.2 Smooth Radio, Real Radio agus 96.3 Real Radio XS.
A' Ghàidhlig ann an Glaschu
deasaichChaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Glaschu anns na bliadhnaichean 1895, 1901, 1907, 1911, 1921, 1933, 1938, 1948, 1958, 1067, 1988, agus 1990 (ann am Baile Ghobhainn). Tillidh am Mòd Nàiseanta a-rithist ann an 2019.
Tha làrach-lìn fa leth ag innse Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.
Thòisich Comunn Sgitheanach Ghlaschu ann an 1865 agus tha e a’ dol fhathast.
Tha Comhairle Baile Ghlaschu air bileag a dheasachadh le fiosrachadh air clasaichean Gàidhlig sa bhaile.
Daoine ainmeil
deasaich- Thomas Graham (1805–1869), ceimigear.
- Sir William Ramsay (1852–1916), ceimigear.
- Charles Rennie Mackintosh (1868-1928), neach-ealain.
- Lord Alexander R. Todd (1907–1997), ceimigear.
- Edwin Morgan (1920–2010), bàrd.
- Jimmy Reid (1932–2010), ball aonaidhean-ciùird.
- Stuart Christie (1946), sgrìobhadair.
- Donovan (r. 1947), ceòladair.
- Annabel Goldie (r. 1950), tè-phoileataigs.
- Rosanna Choineagan (r. 1951), tè-phoileataigs.
- Brus Crawford (r. 1955), fear-poileataigs.
- Linda Fabiani (r. 1956), tè-phoileataigs.
- Fearghus Ewing (r. 1957), fear-poileataigs.
- Criosaidh Dick (r. 1934), bana-sgrìobhadair Gàidhlig.
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “Glesca prop n.”. Dictionary of the Scots Language. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2017 (pdf).
- ↑ “Glasgow/Glaschu”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Edinburgh UK's second most prosperous city. An t-Albannach, 3 an Cèitean 2005.
- ↑ T.C. Smout: A History of the Scottish People 1560-1830, 1969, td 361.
- ↑ Demographia: Glasgow: Population & Density 1891-2001
- ↑ National Records of Scotland: Statistical Bulletin, 21 Màrt 2013, td 7
- ↑ National Records of Scotland: Statistical Bulletin, 17 Dùbhlachd 2012, td 14
- ↑ BBC: Glasgow has lowest life expectancy in UK. 19 Dàmhair 2011
- ↑ Scotland's Census Results OnLine
- ↑ Annuaire de France
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Glaschu.net
- Làrach-lìn Comhairle Cathair Ghlaschu
- Mapa Meadhan Ghlaschu
- Eachdraidh - rothaidean beag iarainn agus taisbeanaidhean
- Rathad-iarainn Pàirc Bhaile Ùistein - mu Thaisbeanadh na h-Ìmpireachd ann am Pàirc Bhaile Ùistein ann an 1938
- Rathad-iarainn beag Pàirc Kelvingrove
- BBC Naidheachdan 2016-01-27: Crìochan gan cur air sgoiltean Gàidhlig (barrachd iarrtais bho phàrantan na a tha de dh’àitean sna sgoiltean Gàidhlig)
- BBC Naidheachdan 2016-05-04: Comhairle Ghlaschu “ceàrr” (mu sgoiltean Gàidhlig)
- BBC Naidheachdan 2016-05-05: Sgrùdadh iarraidh air foghlam Gàidhlig Ghlaschu (aithris bhideo 3:13)
- BBC Naidheachdan 2016-11-23: Rabhadh mun Ghàidhlig an Glaschu (cion àitichean ann am FTMG)
- BBC Naidheachdan 2017-02-07: Gach leanabh a dh'iarr àite ann am foghlam Gàidhlig am bliadhna air fhaighinn (aithris-bhideo 2:40)
- BBC Naidheachdan 2021-02-08: Briseadh dùil mu fhoghlam Gàidhlig an Glaschu (aithris-bhideo 2:11)
- BBC Naidheachdan 2021-04-23: Iomagain mun Ghàidhlig an Glaschu
- BBC Naidheachdan 2021-06-02: Làrach ùr ga sireadh 'son Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
- BBC Naidheachdan 2021-06-02: Plana ga iarraidh airson foghlam Gàidhlig an Glaschu (aithris-bhideo 2:52)
Dùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea