S' e bana-sgrìobhadair a th' ann an Criosaidh Dick. Rugadh i an Glaschu ann an 1934. Fhuair i foghlam ann an Sgoil Woodside agus aig Oilthigh Ghlaschu, far an do rinn i ceum ann an Ceiltis.[1] Bha i na bhean-deasachaidh air roinn òigridh Gairm agus air prògraman bhoireannach Gàidhlig air a' BhBC.[1] Chaidh na sgeulachdan Gàidhlig aice fhoillseachadh ann an Gairm, Sruth and An Gàidheal.[1] Nochd na naidheachdan agus artaigilean aice anns a' Bheurla ann an Scotsman agus ann an Glasgow Herald.[1] Anns a' bhliadhna 2014, fhuair Criosaidh agus a bràthair Lachaidh Dick Duais nan Sàr Ghàidheal bho Sabhal Mòr Ostaig.[2]

Phos i an t-eachdraiche Iain Mac a' Bhrataich ann an 1959 agus bha còignear chloinne aca.[3]

Sgeulachdan-goirid

deasaich
  • "Raonaid"

Leabhraichean chloinne

deasaich
  • Mar a Thàinig a' Ghàidhlig a dh'Alba. Còmhla ri Merril MacWilliam. Steòrnabhagh: Acair, 1989.
  • Na loidsearan neònach. Steòrnabhagh, Acair, 1993.
  • Dòmhnall dìneosor. Dùn Èideann: Agus, 1994.
  • Thugam agus bhuam. Stèornabhagh: Stòrlann / Acair, 2003.
  • Danaidh an Dòbhran. Còmhla ri Leaslaidh NicCoinnich. Lochearnhead: Dualchas na Cloinne, 2012.

Leabhraichean eile

deasaich
  • Gealach an Fhàis. Còmhla ri Rodger Hutchinson. Dùn Èideann: Mainstream Pub., 2005.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Dòmhnall Iain MacLeòid (deas.). Dorcha tro Ghlainne: taghadh de sgeulachdan-goirid (Glaschu: Gairm, 1970) d. 125-126.
  2. 30mh Ceumnachd an t-Sabhail Mhòir”, BBC. 6mh dhen Dàmhair 2014. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2018. 
  3. Dr John Bannerman”, The Herald. 20mh dhen t-Samhain 2008. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2018.