’Se pàipear-naidheachd broadsheet Beurla a th’ anns An Herald. Thathar ga fhoillseachadh Diluain gu Disathairne gach seachdain ann an Glaschu.

"An Taigh-solais", togalach Glasgow Herald Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich

Is è aon de na pàipearan-naidheachd Beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh am pàipear fhoillseachadh an toiseach ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’ e Iain Mennons a’ chiad deasaiche.

Chaidh ainm atharrachadh gu Herald and Advertiser ann an 1802, agus an déidh sin gu Glasgow Herald ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do thogalach Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich air Sràid Mitchell ann an 1868. ’Se an Taigh-solais a tha san togalach sin a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.

Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.

Ghluais am pàipear do oifigean ùra air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air an dhealbhadh coltach ris an togalach Black Lubyanka aig an Daily Express ann an Lunnainn.

Dh’atharraich Eòghann Friseal ainm a’ phàipear gu The Herald anns a’ Ghearran 1992. Cheannaich na manaidsearan (leis an ainm Caledonian Newspapers) e anns a’ Chéitean 1992. Cheannaich Scottish Television e an sin ann an 1996, agus dh’ atharraich an t-ainm acasan gu Scottish Media Group an déidh dhaibh seilbh fhaighinn air a’ phàipear.

Chaidh dreach a’ phàipear ùrachadh anns a’ Chéitean 1998 agus chaidh pàipear peathar Dòmhnaich, an Sunday Herald, a stéidheachadh ann an 1999.

’Se Newsquest (pàirt de Ghannett) an seilbheadair a-nis; cheannaich iad e bhon Scottish Media Group ann an 2003 airson £216m an dèidh reic conasach.

Tha barrachd leughadairean aige na aig broadsheet nàiseanta sam bith eile ann an Albainn. ‘Se Marcas Dùghlas-Home an deasaiche an-dràsta, mac-bràthar Sir Alasdair Dùghlas-Home.

Ceangal a-mach

deasaich