Fosgail am prìomh chlàr-taice
Sruighlea
Stirling(DonaldMacDonald)Dec2005.jpg
Suidheachadh
Sruighlea is located in Alba
Sruighlea
Sruighlea (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Comhairle Shruighlea
Siorrachd Siorrachd Sruighlea
Co-chomharran 56° 7′ Tuath
3° 56′ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 41,243 (2001)
Àireamh fòn 01786
Duilleag oifigeil Comhairle Shruighlea

'S e baile a tha ann an Sruighlea (Beurla: Stirling). Tha e suidhichte ri taobh A' Mhonaidh Ochail ann an Alba mheadhanach. Anns na seann linntean bha Sruighlea na phrìomh-bhaile Rìoghachd na h-Alba.

Susbaint

Seann Bhaile SruighleaDeasaich

Tha Seann Bhaile Sruighlea suidhichte cruinn timcheall air Sràid Bhràghaid (Broad), Sràid Naomh Eòin (St John's) agus Slighe Naomh Mhoire fo mhùran a' Chaisteil. Tha blas agus coltas baile meadhan-aoiseach gan gleidheadh aige fhathast, le sràidean chlachan càsaichte agus pailteas de sheann dachaighean agus aitreabhan eile, is eachdraidh àraidh aig gach aon dhiubh. Tha taighean-bìdh, bùthan cofaidh, gailearaidhean ealain, taighean-tasgaidh agus taigh-cluiche ann cuideachd.

Balla a' BhaileDeasaich

'S e Balla Sruighlea am mùr bhaile as fheàrr a tha a' mairsinn ann an Alba. Chaidh a thogail ann an 1547 mar dhìdean nuair a bha Rìgh Shasainn, Eanraig VIII, ag iarraidh pòsadh a sparradh eadar an leanaban Màiri, banrigh nan Albannach, agus Ìomhair, a mhac. Bha ionnsaighean daonnan gan toirt air Sruighlea, leis gum b' e àite-suidhe na Cùirte Rìoghail a bh' ann.

Tha slighe choisich, air ruith a' bhalla, ainmichte mar an ceum rathaid bailteil as fheàrr san Roinn Eòrpa. Bha i air a dealbhadh timcheall air 1723 agus 1791, agus chithear seallaidhean ceutach bho air a fad agus bhon iomadh suidheachan a tha oirre. 'S i cuairt iomlan a th' anns an t-slighe a ghabhar ruigsinn aig mòran ionadan san t-Seann Bhaile, cho fada ri Guildhall, agus chan eil bacadh mu choinneimh chathraichean-cuibhle no charbadan cloinne.

Daoine cudromachDeasaich

Rugadh Cathie Craigie, neach-poileataigs Albannach san 14 an Giblean 1954 ann an Sruighlea.

A' GhàidhligDeasaich

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Sruighlea anns na bliadhnaichean 1909, 1961, 1971 agus 1987.[1]

IomraidheanDeasaich

  1. Am Mòd Nàiseanta - Ionadan gach bliadhna”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2017.