Dùn Dèagh
Dùn Dèagh no Dùn Dè
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Co-chomharran | 56° 27' Tuath 2° 59' Iar | ||||
Comharradh-clèithe | NO4030 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 147,389 (2011[1]) | ||||
Dlùths | 2,834.4/km² | ||||
Àireamh fòn | (01382) | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.dundeecity.gov.uk/ |
'S e cathair-bhaile ann an Albain a tha ann an Dùn Dèagh no Dùn Dè[2] (Beurla: Dundee). Suidhichte air cladach tuath Linne Tatha air taobh sear na h-Alba, dh'fhàs Dùn Dèagh gu mòr rè an 19mh cheud, nuair a fhuair e prìomhachas mar baile-mhuilinn a rinn bathair (gu sònraichte ròpan is buill) an diut. Chrìon an malairt seo gu h-obann anns na 1960an nuair a cheannsaich snathan-olachd na margaidean airson a leithid.
Suidheachadh
deasaich'S ann gu h-àraidh bho a shuidheachadh a tha Dùn Dèagh a' faighinn a' chuid as motha de a bhòidhchead. Tha e sìnte a-mach fad ochd mìle air taobh a tuath Beul na Tatha agus tha e an taice ri tulaichean Fhìobh dhan taobh deas, agus a' faighinn fasgaidh dhan taobh tuath bho bhruthaichean gorma nan Sìdhbheann. Mu a choinneamh, tha uisgeachan na h-aibhne mòire, a' sgaoileadh a-mach gu farsaing.
A' tòiseachadh aig Dùn Dèagh, tha drochaid rèile na Tàtha a' ceangal Siorrachd Aonghais ri Siorrachd Fhìobh. Chaidh a fosgladh sa bhliadhna 1887, agus le dà mhìle is trì fichead slat 's a trì, b' i seo aon de na drochaidean a b' fhaide air an t-saoghal aig aon àm.
Gu taobh an ear Bruach Tatha (no Aiseag Bhrothaig), tha mìltean de ghainmhich bhàin agus bhon a dh'fhàgas e oir an uisge, tha Dùn Dèagh ag èirigh uidh air n-uidh gu ruige mullach an Lath, cnoc cruinn fradharcach, 572 troigh os cionn na mara, a cheannaicheadh leis a' bhaile ann an 1878.
Pàircean
deasaichTha maise nàdarra air a buileachadh air a' bhaile agus uile gu lèir, eadar an Lath agus mòran phàircean eile, tha 1682 acair a bhuineas do Chomhairle a' Bhaile. Tha na h-acraichean sin air an cur saor 's an asgaidh an tairgse luchd-cuairt 's muinntir a' bhaile. 'S i Pàirce Champerdown sa bheil 1035 acair as motha agus as brèagha de na pàircean sin uile.
Àitean sònraichte a' bhaile
deasaichChan eil Dùn Dèagh a' tagradh urraim airson greadhnachas nan togalach aige, ach tha corra thogalach agus àite ann is fhiach coimhead air.
Eaglaisean
deasaichTha trì eaglaisean mòra a' bhaile an teis meadhan gharranan brèagha, air chumadh croise agus fon aon mhullach, a dhà dhiubh a chaidh a thogail mu mheadhan na naoidheimh linn deug, agus an tè eile, Eaglais an t-Seann Stìopaill, a thogadh ann an 1788. Tha an t-Seann Stìopaill mu 160 troigh an àirde air a dhèanamh air ballachan garbha a tha ochd troighean air leud aig am bonn. Tha e air aithris gun deach a dhealbh gu bhith na earran de eaglais a chaidh a stèidheachadh ann an 1190, ach tha daoine fiosrach ag ràdh nach eil an togalach seo mòran nas tràithe na an 15mh linn. Tha seann chlachan snaighte ann an aon de na seòmraichean 's tha gad ghlag brèagha san turaid.
Talla Chaird
deasaichThug Seumas Caird £100,000 don bhaile ann an 1914 airson Talla Baile agus Seòmraichean Comhairle a thogail. Air 10 Iuchar, leag Rìgh Seòras V agus Bànrigh Màiri clachan-stèidhte an Talla. Thug a' Bhan-uasal Marryat, piuthar Sheumais Chaird, £75,000 don bhaile airson an obair a chrìochnachadh. Dh'fhosgladh an Talla le Prionnsa na Cuimrigh ann an 1923.
'S e talla mòr, greadhnach a th' ann, agus cumaidh e 3,300 dhaoine. Tha an t-àrd-ùrlar air a dhealbh airson 75 de orcastra agus còisir anns am bi 300 guth. Tha an t-òrgan an cùl an àrd-ùrlair, agus tha e air aithris gur e seo òrgan as brèagha san Rìoghachd. Air an aon ùrlar ris an Talla mhòr, tha Talla Mharryat, 's e sgiamhach le ballachan sgàthain. Cumaidh e 550.
Bidh an EIS a' cumail coinneamh choitcheann bhliadhnail san Ògmhios an seo gach darnacha bliadhna.
An Howff
deasaichAm meadhan a' bhaile, tha an seann àite-adhlaic ris an canar an Howff, facal Albannach a tha a' ciallachadh 'àite-coinneachaidh'. Fhuair e an t-ainm ri linn 's gur h-ann an siud a bhiodh luchd-ceàirde a' bhaile a' coinneachadh gus an do thogadh Talla nan Ceàirdean ann an 1778.
Tha an t-àite-adhlaic ainmeil do bhrìgh 's gu bheil e a' toirt bàrr air gach cladh eile an Alba, (ach a-mhàin Cladh nam Manach Glasa an Dùn Èideann) ann an lìonmhorachd agus annasachd nan clachan-cuimhne. Thug Bànrigh Màiri an t-àit'-adhlaic mar thìodhlac do Dhùn Dèagh ann an 1567, agus airson 300 bliadhna, b' e prìomh-chladh a' bhaile. Rinneadh an t-adhlaiceadh mu dheireadh ann nuair a thìodhlaiceadh Seòras MacDhonnachaidh, Ball Pàrlamaid airson Dhùn Dèagh, a chaochail ann an 1878.
Comann Gàidhealach
deasaich'S ann ann an Dùn Dèagh a tha fear de na Comainn Ghàidhealach as sine an Alba. Stèidhicheadh Comann Gàidhealach Dhùn Dèagh sa bhliadhna 1818. Tha Comann Gàidhealach a' dol fhathast ann am Bruach Tatha, agus 's ann a bhios Còisir Gàidhlig Dhùn Dèagh a' farpaiseach anns na Mòdan.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Dùn Dèagh anns na bliadhnaichean 1902, 1913, 1937, 1959, agus 1974.
Bailtean co-cheangailte
deasaichDaoine ainmeil
deasaich- Williamina Fleming, reuladair
Iomraidhean
deasaich- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Tha Ainmean-Àite na h-Alba a' moladh "Dùn Dè" ach chan eil "Dùn Dèagh" cearr a-rèir AÀA: “Dundee/Dùn Dè”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ SisterCities
Faic cuideachd
deasaich- Gairm; Àireamh 28 (An Samhradh 1959)
Ceanglaichean a-mach
deasaichDùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea
Comhairle Arcaibh | Comhairle Aonghais | Comhairle Baile Dhùn Dè | Comhairle Baile Dhùn Èideann | Comhairle Baile Ghlaschu | Comhairle Baile Obar Dheathain | Comhairle Chrìochan na h-Alba | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar | Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh | Comhairle na Eaglaise Brice | Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid | Comhairle nan Eilean Siar | Comhairle Fhìobha | Comhairle na Gàidhealtachd | Comhairle Inbhir Chluaidh | Comhairle Lodainn an Ear | Comhairle Lodainn an Iar | Comhairle Lodainn Mheadhanaich | Comhairle Mhoireibh | Comhairle Pheairt is Cheann Rois | Comhairle Siorrachd Àir a Deas | Comhairle Siorrachd Àir an Ear | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath | Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann | Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas | Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath | Comhairle Siorrachd Obar Dheathain | Comhairle Siorrachd Rinn Friù | Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear | Comhairle Shealtainn | Comhairle Shruighlea |