Rinn Friù
Rinn Friù | |
Rinn Friù - talla a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 52′ 45″ T 4° 23′ 12″ I |
Comharradh-clèithe | NS 507 676 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile ann an Alba meadhonach a tha ann an Rinn Friù. Tha e faisg air Glaschu.
Chaidh a stèidhicheadh le Daibhidh I na h-Alba anns na 1140an is builich e gu Walter FitzAlan, Àrd-stiùbhard na h-Alba e.[1] Chaidh caisteal a thogail ann an Innis an Rìgh le Fitz-Alan anns an 12mh linn, agus caistealan eile air an aon làrach anns an 13mh agus anns an 15mh linn. Cheannaich Andrew Spiers an làrach anns an 18mh linn is sgrios e an caisteal, agus e a' chleachdadh an stutha airson Taigh Ach na Feàrna.[2]
Aiseag
deasaich- Faic Aiseag Rinn Friù airson barrachd fiosrachaidh.
Bha seirbheis aiseig chudromach eadar Rinn Friù agus Eochair air an abhainn Chluaidh. Bha còir aiseig tè de na pribhleidean a thug Seumas VI dha anns a' chairt ann an 1614. Nochd a' chiad aiseag-smùide ann an 1865. An dèidh do ghàrraidhean-shoithichean a dhùnadh is do Dhrochaid Arasgain fhosgladh chaidh an aiseag na aiseag choisichean ann an 1984.[3]
Rèile
deasaichGed a bha loidhnichean eadar Glaschu is Rinn Friù agus eadar Pàislig agus Cidhe-bathair Rinn Friù,[4] 's e am baile as motha às aonais stèisean-rèile ann an Alba a tha ann an Rinn Friù.[5]
Bha còig stèiseanan-rèile ann an Rinn Friù, mar eisimpleir Rinn Friù a Deas air an loidhne Phàislig is Rinn Friù, a dh'fhosgail 1 Cèitean 1866 agus a dhùin 5 Ògmhios 1967.[6] Bha stèiseanan air an loidhne Glaschu is Rinn Friù aig Innis an Rìgh agus ann am Porterfield a dh'fhosgail 1 Ògmhios 1903 agus a dhùin 19 Iuchar 1926.[7][8] B' e an stèisean air cidhe agus an stèisean air Sràid Fhulbar a bha as sine ann an Rinn Friù.[9][10]
Aistidhean ceangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “Renfrew, General”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew, King's Inch”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew Ferry”. Clyde Waterfront. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Paisley and Renfrew Railway”. RAILSCOT. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Plan to deliver railway link to Renfrew”, Glasgow Times. 10mh dhen t-Sultain 2012. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew, Renfrew South”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew, King's Inch Railway Station”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew, Porterfield Station”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew Wharf Station”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Renfrew, Fulbar Street Station”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen t-Samhain 2020.