B' e feallsanach Albannach a bh' ann an Adam Smith, (neo Àdhamh Mac a' Ghobhainn, 1723 - 17 an t-Iuchar 1790).

Adam Smith
Beatha
Breith Cathair Challdainn, dhen Ògmhios 1723
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 17 dhen Iuchar 1790
Àite-adhlacaidh Cill Geata a' Chanain
Teaghlach
Athair Adam Smith
Màthair Margaret Douglas
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Colaiste Balliol
Àrd-fhoghlam Legum Doctor (en) Translate
Stiùiriche an teusais Francis Hutcheson
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd eaconamaiche, sgrìobhadair neo-fhicsein, feallsanaiche, sgrìobhadair, neach-teagaisg oilthigh, French moralist (en) Translate agus foillsichear
Àitichean-obrach Alba
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Ghlaschu  (1751 -  1763)
Obraichean comharraichte The Theory of Moral Sentiments (en) Translate
The Wealth of Nations (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh François Quesnay
Ballrachd An Comann Rìoghail
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
The Select Society (en) Translate
The Poker Club (en) Translate
Creideamh
Creideamh diadhachas
Inquiry into the nature and causes of the wealth of nations, 1922

Rugadh agus thogadh e ann an Cair Chaladain ann am Fìobha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu fo Francis Hutcheson. Dh'ionnsaich e aig Oilthigh Oxford eadar 1740 agus 1746 agus thoir e òraidean poblach ann an Dùn Èideann mus deach e na ollamh loidig aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1751.[1] Bha esan h-Ollamh de Feallsanachd Moralta aig Oilthigh Ghlaschu bho 1752 gu 1763. Bha ùidh mòr aige ann an nàdar an duine - carson a bhitheadh daoine a' faireachdainn gu bheil feadhainn de rudan dona, no olc, agus feadhainn eile math. Bha e a' smaointinn gun robh co-thruas gu math cudthromach ann an lagh nam beus. Sgrìobh e leabhar don ainm The Theory of Moral Sentiments a chaidh air foillseachadh ann an 1759.

Eadar 1763 agus 1766 bha e na taoitear do Dhiùc òg Bhuccleugh, air cuairt mòr na h-Eòrpa. Is beag an teagamh nach do stèidhich e sgoil-eaconomais ann an 1776 nuair a fhoillsich e a mhòr-thràchdas air "Saoibhreas nan Nàisean" - Mar sin, 's e 'The Father of Modern Economics' a bhios daoine a' cantainn ris.

Bu chòir dhuinn aithneachadh co-dhiù gu robh An Inquiry into the Nature and Causes of the Wealth of Nations no dìreach Wealth of Nations stèidhichte air ceist moralta. Anns an leabhar chuir esan an ceist, 'Dé is urrainn do dhuine a dhèanamh a tha as fheàrr airson na dùthcha aige?' Thàinig e dhan cho-dhùnadh: Nan dèanadh a h-uile duine an rud a b' fheàrr dhaibh fhèin gun dèanadh an dùthaich nas fheàrr. 'S e seo an modh smaoineachaidh ris an canar Libearalach.

Bha ceangail eadar Smith agus feallsanaiche Albannach ainmeil eile mar David Hume.

Aistean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Adam Smith 1723-1790, Scottish philosopher”. International Association for Scottish Philosophy. Air a thogail 27mh dhen Dàmhair 2017.