Baile Átha Cliath
Baile Átha Cliath
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Èirinn | ||||
Ceàrn | Còigeamh Laighean | ||||
Sgìre | Contae Átha Cliath | ||||
Co-chomharran | 53°20' 33" Tuath 6°15' 57" Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 114.99 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 505,739 (2006) | ||||
Dlùths | 4,398.11/km² | ||||
Àireamh fòn | +353 1 | ||||
Duilleag oifigeil | www.dublincity |
Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath[1] (IPA: bˠalʲə a:ha klʲiəh; Beurla: Dublin, Gaelg Mhannain Divlyn) , agus am baile as motha 's an tir sin cuideachd. Tha e suidhichte air gach taobh an linn cumhang de Abhainn na Lifé. Thàinig a h-ainm Beurla bhon ainm Gaeilgeair an seòlaid: "Dubh Linn". A dh'aointinn an t-ainm b' e na Lochlannaich a stèidhich am baile. Tha iad comharraichte an ainm sgìre "Baile Lochlainn" dlùth ri taobh tuath na Life faisg air na ceithir cuairtean, agus an ìomhaigh umha crannghail long-fhada aig beulaibh prìomh-oifis Comhairle Atha Cliatha air Na Laimrigean Deasa.
An linn nan Normanach shuidhich iomadh choigreach a Sasainn am Baile Atha Cliath, agus mar a fhuair na Tighearnan Normanaich smachd air Èireann, thànaig Baile Atha Cliatha a bhi cathair cumhachd nan Sasunnaich an Èireann - suidheachadh a mhair sìos ri 1921. Rinneadh "callaid" mun chuairt am baile Shasunnaich ré an 14mh linn, a dhìon na Gall bho na Gaidheal "borb" air an taobh a muigh. Tro na meadhan aoisean, b' e am Beurla cainnte na Callaid agus a' Ghàidhlig cainnte den chorr, shuidheachadh a mhair gu ìre mhòr mus Bliadhna a' Ghoirt Mhòir (1847).
A measg na prìomh thogalaich den cathair tha: Caisteal Atha Cliatha, Àros Eaglais Chrìosd (Eaglais na h-Èireann), Na Ceithir Cuairtean, Taigh nan Cuspainn, Oifig Ginearalta An Phoist. Tha an Taigh-grùdaidh ainmeil Guinness suidhichte aig Geata Naoimh Sheamuis. Tha Àros an Uachtaran suidhichte an Pàirc an Fhionn-Uisge, pàirc agus taigh a bhuineadh ris an teaghlach Ghuinness.
Daoine Ainmeil
deasaich- George Bernard Shaw (1856 - 1950). Sgrìobhadair.
- William Butler Yeats (1865 - 1923). Bàrd.
- Pádraig Parthalán Ó hEachthairn (1951). Neach-poileataigs.
- Bono (1960). Ceòladair.
- Rody Gorman 1960. Bàrd Gàidhealach.
- Roibeard Ó Maolalaigh (1966). Cànanaiche.