Bamako
Suidheachadh
Dùthaich Mali
Ceàrn Bamako
Sgìre Bamako
Co-chomharran 12° 39 00' Tuath
08° 00 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 252 km²
Àireamh-shluaigh 1,809,106 (2009)
Dlùths 7,178.99/km²
Duilleag oifigeil http://www.ville-bamako.org/

'S e prìomh-bhaile Màili a tha ann am Bamako.[1] Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Niger ann an iar-dheas na dùthcha. 'S e seo an co-chomharran aige: 12° 39’ Tuath agus 8° 0’ Iar [2]. Tha Bamako 714km air falbh bho Chonakry (Gini), 442km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 1,100km bho Niamey (Niger) agus 1,011km bho Thiombuctu.[3] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 350m os cionn ìre na mara.[4]

Anns a’ bhliadhna 2006 bha 1,690,471 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich a tha ann. Canar gur e Bamako am baile a dh’fhàsas as luaithe a-rèir àireamh-shluaigh a tha ann an Afraga[5].'S e teas meadhan malairteach a th’ ann agus tha port aige. Tha gnìomhachas aodaich, meatailt agus iasgaich gu math làidir. Thàinig an t-ainm Bamako às a' chanan Bambara, tha e a' ciallachadh "Boglach Chrogaill [6].

Àitichean inntinneach

deasaich

Seo cuid de na h-àitichean inntinneach a tha ann am Bamako:

  • Bibliothèque Nationale du Mali, Leabharlann nàiseanta Mali[7]
  • Tour BCEAO
  • Mosg Mòr Bhamako[8]
  • Musée nationale du Mali, Taigh-tasgaidh nàiseanta Mhali.[9]
  • Bamako Zoo, gàradh bheathaichean
  • Bamako Botanical Gardens, lios luibheach
  • Pont du Roi Fahd, far a bheil am port-adhair eadar-nàiseanta Senou International Airport. Tha an rathad-iarainn Dakar-Niger Railway (eadar Koulikoro, Màili agus Dakar, Seanagal) ann cuideachd.

Daoine Ainmeil

deasaich
  • Sako: (1946 -) Seanachaidh (Griot).
  • Amadou Bagayoko: (1954 -) Seinneadair dall.
  • Miriam Doumbia: (1958 -) Bana-sheinneadair dhall.
  • Toumani Diabate: (1965 -) Seanachaidh (Griot).

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Dealbhan

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. GEOnet Names Server (GNS), le National Geospatial-Intelligence Agency
  3. Distance Calculator
  4. Mongabay
  5. World's fastest growing cities and urban areas from 2006 to 2020, le CityMayors.com
  6. New York Times - 3mh an t-Sultain, 1960
  7. Bibliothèque Nationale du Mali
  8. Gran Mezquita de Bamako[dead link]
  9. Musée Nationale du Mali
  10. Annuaire de France
  11. Sister Cities International
  12. Geminação de cidades Brasileiras
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: