Djibouti/جيبوتي/Jabuuti
Suidheachadh
Dùthaich Diobutaidh
Co-chomharran 11° 36 00' Tuath
43° 09 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 630 km²
Àireamh-shluaigh 567,000 (2009)
Dlùths 900/km²

'S e prìomh-bhaile Diobutaidh a tha ann an Djibouti (Arabais: جيبوتي, Somali: Jabuuti, Fraingis: Ville de Djibouti). Tha e suidhichte air leth-eilean eadar an Gulf of Aden agus an Gulf of Tadjoura. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 36′ Tuath agus 43° 10′ Ear. Tha mu 400,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Djibouti 557km air falbh bho Addis Ababa (An Aetiòp), 616km bho Asmara (Eartra), 1,473km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,230km bho Khartoum (Sudan), 1,594km bho Nairobi (Ceinia) agus 1,087km bho Mhogadishu.[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara.[2]

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1888 mar port-mara le Eloi Pino, duine às an Spàinn. An uair sin bha e na phrìomh-bhaile ann am French Somaliland bhon 1891. Tha rathad-iarainn ann, an Djibouti-Addis Ababa Railway, a tha a’ dol eadar Djibouti agus Addis Ababa. Tha an port-adhair Djibouti-Ambouli International Airport faisg air a’ bhaile. Tha am port-mara aige cudthromach fhathast airson malairt eadar-nàiseanta, iasgaich agus na bàtaichean-aiseig gu Obock agus Tadjoura.

Dealbhan

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay