نواكشوط
Nouakchott
Suidheachadh
Dùthaich Moratainia
Ceàrn Nouakchott
Co-chomharran 18° 6’ Tuath
15° 57’ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,000 km²
Àireamh-shluaigh 881,000 (1999)
Dlùths 881/km²

'S e prìomh-bhaile Moratainia a tha ann an Nouakchott (Arabais: نواكشوط ). Tha an t-ainm a' ciallachadh: "àite na gaoithe". 'S e am baile as motha na dùthcha a tha ann cuideachd agus aon de na bailtean as motha ann am Fàsach Sahara.B' e baile iasgaich a bha ann gu 1958. Ach chaidh a thaghadh mar prìomh-bhaile air sgàth 's gu bheil am baile suidhichte ann an àite math airson malairt agus air sgàth 's gu bheil an t-sìde math mar as trice.[1] Tha e suidhichte air an taobh an iar fasach Sahara, aig a’ Chuan Siar. Tha Nouakchott 1,033km air falbh bho El Aaiún (Sathara an Iar), 409km bho Dhakar (Seanagal), 2,789km bho Algiers (Aildiria) agus 1,054km bho Bhamako (Màili).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 7m os cionn ìre na mara.[3]

'S e teas meadhan malairteach a th' ann. Chaidh am port-mara a dh’fhosgladh anns a’ bhliadhna 1986. Tha Nouakchott ceangailte le rathad mòr tro Boutilimit agus Kiffa gu Néma a tha mu 1100 cilemeatair air falbh [4]. Tha am port-adhair Nouakchott International Airport faisg air a’ bhaile. Tha an t-aonar oilthigh ann am Moratainia suidhichte ann an Nouakchott, 's e Université de Nouakchott an t-ainm a tha air. Dh’fhosgail e anns a’ bhliadhna 1981.

Àitichean inntinneach ann an Nouakchott:

  • Musée Nationale de Nouakchott, taigh-tasgaidh.[5]
  • Nouakchott Silver Market
  • Bibliothèque Nationale, leabharlann nàiseanta.[6]
  • National Archives

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Dealbhan deasaich

Ceanglaichean A-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Cities of the World, Vol. 1, p331; Brian Rajewski, ed., for Eastword Publications Development Inc., Cleveland, Ohio; Gale Research, Detroit, 1999. ISBN 0-8103-7692-X.
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. www.otal.com/mauretania
  5. Penrose
  6. UNESCO
  7. Ville de Dakar
  8. Ciudad de Madrid
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: