Bujumbura
Bujumbura | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Burundi |
Ceàrn | Bujumbura fhèin |
Co-chomharran | 03° 22 32' Deas 29° 21 33' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 86.54 km² |
Àireamh-shluaigh | 368,000 (2009) |
Dlùths | 4,252.37/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.villedebujumbura.org/ |
'S e prìomh-bhaile Burundaidh a tha ann am Bujumbura. Tha e suidhichte anns an earra-thuath Loch Tanganyika. Mar sin dheth 's e am port-mara as cudthromaiche a tha anns an dùthaich seo. Tha bàtaichean-aiseig a' siubhal bhon an seo gu Kigoma ann an Tansainìa. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bujumbura International Airport. Anns a' bhliadhna 1994 bha mu 300,000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. 'S e seo an Co-chomharran aige: 3° 23’ Deas agus 29° 22’ Ear. Tha Bujumbura 860km air falbh bho Nairobi (Ceinia), 1,564km bho Bhrazzaville (A' Chongo), 774km bho Dodoma (Tansainìa), 176km bho Khigali (Rwanda), agus 543km bho Khampala (Uganda).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 795m os cionn ìre na mara.[2]Tha Oilthigh Bhujumbura ann. Canar gun do chluich a' chuid as motha den fiolm Disney: George of the Jungle ann am Bujumbura.
Dealbhan
deasaich-
Traigh san iar Bujumbura
-
Meadhan Bujumbura, le Loch Tanganyika air a chulaibh
-
Suidheachadh Bujumbura ann am Burundaidh
Ceanglaichean A-mach
deasaichIomraidhean
deasaichAbuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé