N'Djamena نجامينا
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Siad
Co-chomharran 12° 06 47' Tuath
15° 02 57' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 993,492 (2009)
Àireamh fòn + 253

'S e prìomh-bhaile na Siad a tha ann an N'Djamena, Arabais: Niǧāmīnā. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 721,000 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha N’Djamena 955km air falbh bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 996km bho Yaoundé (Camarun), 888km bho Abuja (Nìgeiria), 1,926km bho Khartoum (Sudan), 2,318km bho Tripoli (Libia) agus 1,411km bho Niamey (Niger).[1] Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Chari, air an àirde an iar na dùthcha, aig 280m os cionn ìre na mara agus tha port aige.[2] Tha am baile ceangailte le drochaid thairis air an abhainn le Kousséri ann an Camarun. 'S e seo an Co-chomharran aige: 12° 6' 47" Tuath agus 15° 2' 57" Ear

Air an 29mh latha den Chèitean 1900 chaidh N'Djamena a’ stèidheachadh mar Fort-Lamy leis an ceannard Émile Gentil às an Fhraing. Thàinig an t-ainm bho Amédée-François Lamy, oifigear frangach a chaidh a mharbhadh anns an Battle of Kousséri dìreach làithean roimhe sin. Anns a’ bhliadhna 1973, dh’atharraicheadh François Tombalbaye, ceann-suidhe na Siad, an t-ainm gu N'Djamena (a’ ciallachadh: àite airson fois a ghabhail).

Tha e inntinneach ri fhaicinn ciamar a tha an àireamh-shluaigh a’ dol suas tro na bliadhnaichean:

  • 1937 : 9,976
  • 1940 : 12,552
  • 1947 : 18,375
  • 1968 : 126,483
  • 1993 : 529,555
  • 2005 : 721,000

Tha an t-oilthigh University of N'Djamena anns a’ bhaile agus tha am port-adhair N'Djamena International Airport faisg air a’ bhaile.

Dealbhan deasaich

Ceanglaichean A-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: