Moroni
Mononi موروني | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Na h-Eileanan Chomoro |
Ceàrn | Grande Comore |
Co-chomharran | 11° 45 00' Deas 43° 12 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 42,872 (2006) |
Àireamh fòn | + 269 |
'S e Moroni am baile as motha a tha anns na h-Eileanan Chomoro. Bhon bhliadhna 1962 's e prìomh-bhaile na dùthcha a th' ann cuideachd. Tha am baile suidhichte air a’ chladach san taobh an iar an eilean Grande Comore. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 45’ Deas agus 43° 12’Ear. Anns a’ bhliadhna 2003 bha mu 60,200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.[1] Tha port-adhair Prince Said Ibrahim International Airport ann, agus port-mara le bàtaichean a tha a’ siubhal eadar an eilean agus tìr mhòr Afraga. Tha Moroni 1,789km air falbh bho Phort Louis (Mauritius), 923km bho Antananarivo (Madagascar), 1,557km bho Victoria (na h-Eileanan Sheiseall) agus 1,358km bho Nairobi (Ceinia).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 143m os cionn ìre na mara.[3]
Dealbhan
deasaich-
Cladach ann am Moroni
-
Mosg ann an Moroni
-
An cidhe
Ceanglaichean A-mach
deasaichIomraidhean
deasaichAbuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé