Siorrachd Dhùn Phris (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
sgìre Phàrlamaid na h-Alba
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Siorrachd Dhùn Phris (Beurla: Dumfriesshire).[1]
Siorrachd Dhùn Phris | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Oliver Mundell BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 36,260 |
Mòr-chuid | 1,230 |
Chaidh i a chruthachadh ann an 2011 o phàirtean de Dhùn Phris. Tha Dùn Phris fhèin, Sanquhar, Moffat, Langholm, Greatna agus Moniaive san sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Eadraig, Roxburgh agus Siorrachd Bhearaig, Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair, Dail Chluaidh, Carraig, Cumnaig agus Srath Dhùn agus Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar.
Buill-phàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Oliver Mundell | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 1230 | 36260 |
2011[4] | Elaine Murray | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | 3170 | 31909 |
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Alba a Deas
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Gaelic Constituency and Region Names 2011”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Dumfriesshire”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017 (pdf).
- ↑ “Dumfriesshire - Scottish Parliament Constituency” (Beurla). BBC. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “VOTE2011: Dumfriesshire”. BBC. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.