Glaschu Fearann Anna (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
sgìre Phàrlamaid na h-Alba
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Glaschu Fearann Anna (Beurla: Glasgow Anniesland).[1]
Glaschu Fearann Anna | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Bill Kidd BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 29,016 |
Mòr-chuid | 6,153 |
Tha Fearann Anna fhèin, Druim a' Chaibeil, an Eochair, Cnoc Iòrdain agus Cnoc Scotstoun san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Glaschu cuideachd.
Tha i ann an crìch ri Bruach Chluaidh agus Muileann-Gaidh, Srath Chelbhinn agus Bearsden, Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain, Glaschu Ceilbhinn, Glaschu Pollaig agus Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar.
Eachdraidh
deasaichChaidh a cruthachadh ann an 1999. Bha Dòmhnall Mac an Deòir na chiad BhPA airson na sgìre. Lean Bill Butler e as dèidh an fhrith-thaghadh nuair a chaochail e ann an 2000. Bhuannaich Bill Kidd, ball Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, i ann an 2011.
Buill-phàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Bill Kidd | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 6153 | 29016 |
2011[4] | Bill Kidd | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 7 | 23918 |
2007[5] | Bill Butler | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | 4306 | 22139 |
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Glasgow Anniesland Burgh Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
- ↑ “Glasgow Anniesland - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Election 2011 - Scotland - Glasgow Anniesland” (Beurla). BBC. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Election 2007 - Scotland - East Kilbride”. BBC. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2017.