Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

sgìre Phàrlamaid na h-Alba

'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan (Beurla: Midlothian North and Musselburgh).[1]

Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Taigh an Ròid
Ball Colin Beattie BPA
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh 34,065
Mòr-chuid 7,035

Tha Baile nam Feusgan fhèin, Dail Chèith, Bonnyrigg, Lasswade agus Fala san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Lodainn cuideachd.

Tha i ann an crìch ri Lodainn an Ear, Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair, Dùn Èideann Pentlands, agus Dùn Èideann an Ear.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh a cruthachadh o pàirt de Lodainn Mheadhanach, far an robh Rhona Brankin na BPA, agus pàirt de Lodainn an Ear, a riochdaich Iain Gray, ann an 2011 agus bhuannaich Colin Beattie i ann an 2011 is 2016.

Buill-phàrlamaid

deasaich
Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2016[3] Colin Beattie Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 7035 34685
2011[4] Colin Beattie Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 2996 24451

Iomraidhean

deasaich
  1. Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
  2. Recommended Scottish Parliament constituencies: Midlothian North and Musselburgh Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 16mh dhen Fhaoilleach 2018 (pdf).
  3. Midlothian North and Musselburgh - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 16mh dhen Fhaoilleach 2018.
  4. Election 2011 - Scotland - Midlothian North and Musselburgh(Beurla). BBC. Air a thogail 16mh dhen Fhaoilleach 2018.