'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Elena Whitham BPA.

Elena Whitham
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Carraig, Cumnaig agus Srath Dhùn
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Ministear airson Sàbhailteachd nan Coimhearsnachd is Cùisean Laghail

3 dhen t-Samhain 2022 - 29 dhen Mhàrt 2023
Ash Denham
Beatha
Breith Cille Mheàrnaig, 1974
Dùthaich  Alba
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs

Rugadh i ann an Alba agus ghluais a teaghlach gu Canada faisg air Toronto nuair a bha i 6 bliadhna a dh'aois agus gu Montreal nuair a bha i 9. Thill i gu Alba an dèidh do dh'oilthigh agus dh'obraich i mar neach-aithris agus airson carthannasan. Riochdaich i Srath Irbhinn air Comhairle Siorrachd Àir an Ear o 2015 is chaidh i na leas-cheannard na comhairle.[1]

Chaidh a thaghadh airson Carraig, Cumnaig agus Srath Dhùn ann an 2021. Chaidh i na ministear airson sàbhailteachd na coimhearsnachd ann an 2022 agus na ministear airson drugaichean agus alcoil ann an 2023. Chaidh a' chiad seòmar teàrainte airson cleachdadh nan drugaichean anns an Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh anns an t-Sultain 2023 is an cùram air Whitham.[2]

Leig i a dreuchd mar mhinistear suas anns a' Ghearrain 2024 agus i a' toirt iomradh air streasa iar-thròmach.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Taylor, Margaret: “On a personal mission: An interview with Elena Whitham”, Holyrood. 17mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2024. 
  2. Cook, James: “UK's first consumption room for illegal drugs given go-ahead”. 27mh dhen t-Sultain 2023. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2024. 
  3. Wilson, Louise: “Drug and alcohol minister resigns”. 6mh dhen Ghearran 2024. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2024.