Eadraig, Roxburgh agus Siorrachd Bhearaig (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
sgìre Phàrlamaid na h-Alba
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Eadraig, Roxburgh agus Siorrachd Bhearaig (Beurla: Ettrick, Roxburgh and Berwickshire').[1]
Eadraig, Roxburgh agus Siorrachd Bhearaig | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Rachael Hamilton BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 37,913 |
Mòr-chuid | 1,127 |
Chruthaicheadh i ann an 2011 o phàirtean de Eadraig agus Roxburgh. Tha Hawick, Jedburgh, Kelso, Duns, Coldstream agus Eyemouth san sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Lodainn an Ear, Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair agus Siorrachd Dhùn Phris.
Ann an 2017 dh'ainmich am BPA, John Lamont gun seasaidh e san taghadh coitcheann 2017 airson Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig agus leigidh e dheth a sheat Taigh an Ròid.[3]
Buill-phàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
Frith-thaghadh 2017[4] | Rachael Hamilton | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 9338 | 38350 |
2016[5] | John Lamont | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 7736 | 33095 |
2011[6] | John Lamont | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 5334 | 28816 |
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Alba a Deas
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Gaelic Constituency and Region Names 2011”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Ettrick, Roxburgh and Berwickshire”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017 (pdf).
- ↑ “Tory MSP to quit Holyrood to stand for Westminster”, BBC. 25mh dhen Ghiblean 2017. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ “Scottish Parliament by election results 2017”. Comhairle Chrìochan na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Ettrick, Roxburgh and Berwickshire - Scottish Parliament Constituency” (Beurla). BBC. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “VOTE2011: Ettrick, Roxburgh and Berwickshire”. BBC. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.