Tobar na Màthar agus Wishaw (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Tobar na Màthar agus Wishaw (Beurla: Motherwell and Wishaw).[1]
Tobar na Màthar agus Wishaw | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Clare Adamson BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 29,111 |
Mòr-chuid | 6,223 |
Tha Tobar na Màthar agus Wishaw fhèin, Cleland agus Newmains san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Meadhan na h-Alba cuideachd.
Tha i ann an crìch ri Uddingston agus Bellshill, An t-Àrd Ruigh agus Shotts, Dail Chluaidh, agus Hamilton, Taigh na h-Uiseig agus an Taigh Cloiche.
Eachdraidh
deasaichChaidh a cruthachadh ann an 1999. Bha Seac MacConaill na chiad BhPA airson na sgìre. Lean John Pentland e airson nan Làbarach ann an 2011, is bhuannaich Clare Adamson, ball Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, e ann an 2016.
Buill-phàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Clare Adamson | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 6223 | 29111 |
2011[4] | John Pentland | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | 587 | 24451 |
2007[5] | Seac MacConaill | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | 5938 | 26150 |
Faic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Motherwell and Wishaw Burgh Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
- ↑ “Motherwell and Wishaw - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Election 2011 - Scotland - Motherwell and Wishaw” (Beurla). BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Election 2007 - Scotland - Motherwell & Wishaw”. BBC. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2017.
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Meadhain na h-Alba
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba