Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
roinn-phàrlamaid na h-Alba
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn (Beurla: Aberdeen South and North Kincardine).[1]
Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Maureen Watt BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 32,340 |
Mòr-chuid | 2,755 |
Chruthaicheadh i ann an 2011 o Obar Dheathain a Deas agus pàirtean de Shiorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn. Tha pàirtean a deas de dh'Obar Dheathain, Port Leathain agus Cùltair Pheadar san sgìre seo.[2]
Tha i ann an crìch ri Aonghas a Tuath agus a' Mhaoirne, Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Obar Dheathain Meadhain.
Buill-phàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Maureen Watt | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 2755 | 32340 |
2011[4] | Maureen Watt | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 6323 | 28653 |
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Ear-Thuath na h-Alba
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Gaelic Constituency and Region Names 2011”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Aberdeen South and Kincardine North”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2017 (pdf).
- ↑ “Aberdeen South and Kincardine North” (Beurla). BBC. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “VOTE2011: Aberdeen South and Kincardine North”. BBC. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2017.