Am Mòine Naomh
Am Mòine Naomh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 20' 00″ Tuath 03° 92′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 487 (2011) |
Àireamh fòn | 01848 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann Am Mòine Naomh neo Mòine na h-Eibhe (Beurla: Moniaive, Beurla Ghallta: Minnyhive). Tha e suidhichte aig 195m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Clachan Eòin, ri taobh an Uisge Càrn. Tha e 27km air falbh bho Dhùn Phris, 75km bho Glaschu, 78km bhon An t-Sròn Reamhar agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 487 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Mhòine Naomh, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe agus a' chaorach.
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Mòine agus naomh a th' ann an t-ainm. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Mòine ghàbhaidh a tha e.[5] Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan na dhà theòiridh. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6]
Eachdraidh
deasaichTha baile air a bhith ann an seo bhon 10mh Linn aig a' char as lugha agus fhuair e a chuid chòirichean bhon Righ Teàrlach I ann an 1663 is le sin thogadh toll-bùtha crois a' mhargaidh agus sa bhaile gus malairt a bhrosnachadh sa sgìre. Bha na Pròstanaich radaigeach gu math làidir san sgìre seo tron 16mh Linn agus chaidh fear dhuibh a rugadh anns a' Mhòine Naomh, James Renwick,[7] a chur gu bàs ann an Dùn Èideann ann an 1688. Bha am fear-ealaine James Paterson na thàmh an seo bho 1884 gu ruige 1905.[8] Bha e an sàs sa bhuidhinn ealain na Balaich à Glaschu agus thugadh cliù dhan a' Mhòine Naomh air sàilleabh a chuid obrach san sgìre. Stèidheachadh loidhne-rèile eadar Dùn Phrìs agus Am Mòine Naomh ann an 1905 ach dhùineadh an seirbheis ann an 1947.[9]
Tachartasan
deasaichBidh mòran dhe fhèis a' gabhail àite tron bhliadhna sa Mhòine Naomh: Fèis Chiùil Tradaiseanta sa Chèitean, Fèis Chiùil Bluegrass san t-Sultain agus Fèis Ghiotàir san Lùnasdal.[10] A bharrachd air sin, tha iomadach ghnìomhachas ann cuideachd: taighean-seinnse, taighean-bìdh agus bùth-obrach theòclaid.[11] Tha ealain glè chudromach an seo agus chithear ìomhaighean-chloiche air feadh na sgire.[12]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Falling Rain
- ↑ Distance Calculator
- ↑ City Population
- ↑ Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ James Renwick
- ↑ National Galleries
- ↑ Transport Divisions
- ↑ Moniaive Folk Festival
- ↑ Tartan Chocolate
- ↑ Striding Marches
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm