Tìr na h-Eaglaise
Tìr na h-Eaglaise | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 04′ 44″ Tuath 03° 40′ 33″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Tìr na h-Eaglaise aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tìr na h-Eaglaise neo Teamhair Eaglais [1] (Laideann: Terra Ecclesiae, Cuimris: Tref yn eglwys).[1] Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air an Abhainn Uisge Cluden.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 36km bho Chille Chuithbeirt agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tìr na h-Eaglaise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha muileann-sàbhaidh ann[5] Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1240 mar Treueger.[6] Fhuair am baile a chuid chòirichean mar Borgh a' Bharain (Beurla Ghallda: Burgh of Barony) ann an 1510, agus le sin b' urrainn dhan thighearna margadh a chumail agus ceartas a chur an gnìomh.[7] Chuir Màiri I seachad oidhche neo dhà an seo san taigh aig an Tighearna Herries, an dèidh Chath Langside ann an 1568,[8] mus do dh'fhalbh i gu Dùn Droighnein agus Sasainn. Chaidh Herries gu Lunnainn gus taic a thoirt dhan Bhan-righ. Bha an teaghlach Herries dìleas dhan Eaglais Chaitligeach agus do iomairtean nan Seamusach. Chaill an seachdamh Thighearna a chuid oighreachdan air a shon ann ann 1716. Thogadh Lùchairt an seo ann an 1776, a chaidh leasachadh ann an 1848. Reic na Herries an luchairt anns na 20an. Bha an taigh na ghearasdan Nirribheach[9] ri linn An Dàrna Cogaidh. Chaidh seipeal a thogail an seo ann an 1585[10] agus chaidh e a leasachadh ann an 1824. Thogadh eaglais a' pharaiste ann an 1799.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Placenames
- ↑ Elevation Map
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance From
- ↑ Mister What
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Scottish Places
- ↑ Bain, Joseph, Calendar of Scottish Papers 1563 - 1569, Dùn Èideann, 1900
- ↑ Stravaiging
- ↑ Canmore
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm