Cùl a' Bheinn

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 52′ 00″ Tuath
03° 46′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Duilleag na Coimhearsnachd

‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cùl a' Bheinn (Beurla/Beurla Ghallda: Colvend). Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A710 eadar Rockcliffe agus Sandyhills, ri taobh Loch Geal agus an Uillt Beck Burn.[2] Tha e 274km air falbh bho Obar Dheathain, 115km bho Ghlaschu, 18km bho Chille Chuithbeirt agus 126km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cùl a' Bheinn. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais agus talla[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann, a dh'fhrithealaicheas am baile seo, Kippford, Sandyhills, Rockliffe agus Caukerbush,[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[6]

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cùl agus beinn neo fiù 's cauhan anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh Cùl a' Bheinn a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1550 mar Colven.[9] Tha dùn à Linn an Iarainn ann faisg air a' bhaile, a thuilleadh air cladhach àrc-eòlais aig Newbridge.[10] Bha cùiltearachd san 18mh Linn, gu seachd-àraidh branndaidh, teatha, tombaca agus salann à Eilean Mhanainn.[11] 'S ann gu math trang 's a bha na gàidsearan is iad a' sireadh bathar air fhalach anns na h-uamhan feadh a' chosta. Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1771.[12] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 34 duine à Cùl a' Bheinn bàs sa Chogadh Mhòr[13] agus aon duine dheug eile san Dàrna Chogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Falling Rain
  2. NCAP
  3. Luftlinie
  4. Colvend Churuch
  5. Colvend Primary School
  6. Dalbeattie High School
  7. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  10. DGNHAS
  11. BBC
  12. Colvend Church
  13. Scottish War Memorials Project

Ceanglaichean a-mach

deasaich