Crois Mhìcheil
Crois Mhìcheil | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 58′ 60″ Tuath 03° 58′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Chaisteal Dhùghlais a th' ann an Crois Mhìcheil (Beurla/Beurla Ghallda: Crossmichael). Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A713 eadar Parton agus Gleann Lochair, ri taobh Loch Ken agus na h-Aibhne Dhè.[2] Tha e 268km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 16km bho Chille Chuithbeirt agus 119km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Crois Mhìcheil. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais, talla na h-eaglaise[4] agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann, a dh'fhrithealaicheas am baile seo, Gleann Lochair, Baile Mhic Aoidh, Parton agus Baile Labhrainn,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.[7]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à crois anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm, mar a' mhòr-chuid nan ainmean-àite crois- ann an Alba.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[9] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Cors a tha an t-ainm, leis cho pailt a tha ainmean mar sin san sgìre.[10]
Eachdraidh
deasaichChaidh Ath Crogaid a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1164.[11] Thuit àireamh-shluaigh a' bhaile anns an 18mh Linn nuair a bha na uachdaran a' gabhail ri fuadaichean nan croitear agus cuairteachadh na talmhainn. Stèidhich Walter Scott Jeannie Deans, prìomh charactar an nobhail aige Heart of Midlothian, air tè à Crois Mhìcheil air an robh Helen Walker.[12] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 41 duine à Crois Mhìcheil bàs sa Chogadh Mòr[13] agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Falling Rain
- ↑ Canmore
- ↑ Luftlinie
- ↑ Crossmichael and Parton Churuch
- ↑ Opening Times
- ↑ Crossmichael Primary School[dead link]
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Kirkcudbright
- ↑ Galloway Kite Trail[dead link]
- ↑ Kirkcudbright
- ↑ Scottish War Memorials Project
Ceanglaichean a-mach
deasaichAn Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm