Teàrlach I
Ged a rugadh e ann an Alba, chaidh Teàrlach Stiùbhart a thoirt gu deas na naoidhean ann an 1603, nuair a shealbhaich athair, Seumas VI Alba, crùn Shasainn ann an Aonadh nan Crùintean.
Bha e na ghille beag lapach, agus cha robh mòran a' cur suim ann an coimeas ri a bhràthair a bu shine, am Prionnsa Eanraig - oighre Rìgh Sheumais. Ach nuair a chaochail am Prionnsa Eanraig is gun e ach òg (1612), fhuair Teàrlach e fhèin aig teas-meadhain a' ghnothaich mar oighre nan trì duthchannan - Sasainn, Alba is Èirinn.
Dh'fhàs e suas bhon uair sin a' làn-chreidsinn gun tugadh còraichean-riaghlaidh dha le Dia. Mar dhuine bha e caran fad às na dhòigh, agus gu pearsanta bhiodh e a-riamh a' taobhadh ris an eaglais pàpanach. Dh'fhàg siud mòran dhuilgheadasan na rathad, agus chaidh e fhèin agus a phàrlamaidean a-mach air a-chèile - Pàrlamaid Alba an toiseach, an uair sin Pàrlamaid Shasainn. Lean siud gu Cogaidhean nan trì Rìoghachdan, agus Cogadh Sìobhalta Shasainn far an robh a' bhuaidh aig Co-fhlaitheas Shasainn aig a' cheann thall. Chaidh Teàrlach a thoirt am bruid na phrìosanach, agus chaidh a chur gu bàs ann an 1647 fo òrdugh Oliver Cromwell às leth Co-fhlaitheas Shasainn.
Teàrlach I | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
6 dhen Fhaoilleach 1605 - 27 dhen Mhàrt 1625
27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649 ← Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn - Teàrlach II →
27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649 ← Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn - Teàrlach II →
27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649 | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Lùchairt Dhùn Phàrlain agus Dùn Phàrlain, 19 dhen t-Samhain 1600 (Julian) | ||||||||
Dùthaich | Rìoghachd Shasainn | ||||||||
Bàs | Lunnainn, 30 dhen Fhaoilleach 1649 (Julian) | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Seipeal Naomh Seòras | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (dì-cheannachadh) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn | ||||||||
Màthair | Anna na Danmhairg | ||||||||
Cèile | Henrietta Maria of France (en) (13 dhen Ògmhios 1625 - | ||||||||
Clann | |||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, cruinniche ealain agus monarc | ||||||||
Àitichean-obrach | Lunnainn | ||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||
Tèarmann | |||||||||
30 am Faoilleach | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh |
Anglachas Eaglais Chaitligeach | ||||||||