Baile Mhic Aoidh
Baile Mhic Aoidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 52′ Tuath 04° 01′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Mhic Aoidh (Beurla/Beurla Ghallda: Balmaghie). Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Gleann Lochair agus Baile Labhrainn. Tha e 272km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 13km bho Chille Chuithbeirt agus 123km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile Mhic Aoidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais agus talla[3] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Crois Mhìcheil[4] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.[5] Tha an t-Uisge Dhè air an taobh tuath na parraist.
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e cinnteach gur ann à baile agus mac agus aodh anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à baile agus magach a tha an t-ainm, leis cho torrach 's a tha an sgìre,[7] ged a tha eachdraidh ionadail a' toirt cuideam dhan a' chiad theòiridh.
Eachdraidh
deasaichChaidh Baile Mhic Aoidh a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1420 mar Balmaceth. B' e teaghlach gu math cumhachdail san sgìre a bh'ann muinntir Mhic Aoidh bhon 10mh Linn gu ruige an 18mh Linn, nuair a reic iad an cuid oighreachdan.[8] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1794.[9] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 20 duine à Baile Mhic Aoidh bàs sa Chogadh Mhòr[10] agus fear eile san Dàrna Chogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Elevation Map
- ↑ Distance from to
- ↑ Canmore
- ↑ “Crossmichael Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Gall-Ghàidealaibh. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2024.
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Electric Scotland
- ↑ Scottish Churches
- ↑ Scottish War Memorials Project
Ceanglaichean a-mach
deasaichAn Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm