Na Hearadh
An Cliseam agus Abhainn Mharaig
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Comhairle nan Eilean Siar
Innis-mhuir Na h-Eileanan Siar
Co-chomharran 57° 54′ T
6° 48′ I
Comharradh-clèithe NB155005
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,916 (2001[1])

'S e eilean fada mun iar-thuath air chost an iar Gàidhealtachd na h-Alba a tha anns Na Hearadh. Ged a tha e ceangailte ri Leòdhas, tha e air fhaicinn mar eilean ann fhèin. San t-seann aimsir, bha an t-ainm air a sgrìobhadh "Na h-Earadh", ainm a thàinig sìos thugainn bho na seann Lochlannaich.

Bratach

Tha cruth na tìre ag atharrachadh bho thuath gu deas anns Na Hearadh. Tha tuilleadh bheanntan air ceann a tuath Na Hearadh, agus gheibhear a' bheinn as àirde sna h-Eileanan an Iar ann (Cliseam - àirdead 799m). Tha na rathaidean gu Hùisinis neo Reinigeadal air a' cheann a tuath iongantach is eagalach aig an aon àm, a chionn ‘s gu bheil iad an dà chuid cas agus caol, ach le seallaidhean brèagha is eireachdail.

Tha am baile as motha, an Tairbeart, le port aiseig agus iomadach bùth, air a shuidheachadh far a bheil an t-eilean cha mhòr roinnte le "tairbeart" chaol - àite far an do tharraing na Lochlannaich bho shean na bataichean aca thairis air isthmus. An ear air an Tairbeart, tha an t-Eilean Sgalpaigh na Hearadh ceangailte ris na Hearadh le drochaid. Aig ceann deas an eilein tha Ròghadal ainmeil airson eaglais meadhon-aoiseach, an Eaglais Chliamhain.

San àird an ear, eadar an Tairbeart is Ròghadal, tha rathad air an oirthir air an tug daoine an t-ainm “the Golden Road”, a chionn ‘s gun deach a leithid a dh'airgead a chosg ga thogail. Tha e a’ ceangal nam bailtean beaga air an oirthir ri chèile. Ann an ceann a deas na Hearadh chan eil na beanntan cho àrd agus a tha an fheadhainn san taobh tuath, ach tha iomadach tràigh gainmhich, air an comharrachadh le gainmheach brèagha geal, air a' chosta an iar.

Eilean deasaich

Cultar deasaich

Cruinn-eòlas deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean deasaich

  1. Island Populations”. Comhairle nan Eilean Siar. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2015.

Ceanglaichean a-mach deasaich