Nobhail
'S e gnè-sgrìobhaidh a th' ann an nobhail, pìos rosg fada, gu h-àraid nas fhaide na 70,000 faclan.
An Sean-Nobhail
deasaichChan eil mòran sean nobhailean air fhàgail, ach tha fear no dha againne bhon Romanaich, m.e. An Satyricon le Petronius (60 AC) agus An Asal Or le Apuleius (an 2na linn).
Nobhail ann an Alba sa Ghàidhlig
deasaichTha am facal 'ùr-sgeul' cuideachd air a chleachdadh airson 'nobhail'. Is e Dùn Aluinn le Iain MacCormaig a' chiad nobhail a chaidh fhoillseachadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Thàinig e a-mach ann an 1912. Beagan às dèidh sin, ann an 1913, thàinig An t-Ogha Mòr a-mach le Aonghas MacDhonnchaidh. Tha an nobhaileag no novella air a bhith fada nas cumanta sa Ghàidhlig m.e. An t-Aonaran le Iain Mac a' Ghobhainn agus Gun d'thug i speis do'n Armunn le Iain MacCormaig san 20mh linn.
San 21mh linn, tha grunn nobhailean air nochdadh mar phàirt de dh'iomairt gus rosg do dh'inbhich a chur ann an clò, mar eisimpleir tro Ùr-Sgeul. Tha Màiri Anna NicDhòmhnaill, Iain F. MacLeòid, Màrtainn Mac an t-Saoir, Norma NicLeòid, Catrìona Lexy Chaimbeul, Tormod Caimbeul, Tormod MacGill-Eain agus Aonghas Pàdraig Caimbeul air nobhailean a sgrìobhadh, eadar 2003-2009.
- Aonghas Pàdraig Caimbeul: An Oidhche mus do Sheòl Sinn; Là a' Dèanamh Sgèil Do Là; An Taigh Samhraidh; Tilleadh Dhachaidh
- Catrìona Lexy Chaimbeul: Samhraidhean Dìomhair; Na Cluicheadairean
- Iain MacCormaig: Dùn Aluinn
- Iain F MacLeòid: Na Klondykers; Am Bounty; Ìmpireachd
- Màrtainn Mac an t-Saoir: Gymnippers Diciadain; An Latha as Fhaide
- Norma NicLeòid: Dìleas Donn; Taingeil Toilichte
- Tormod Caimbeul: Deireadh an Fhoghair; Shrapnel; An Druim bho Thuath
- Tormod MacGill-Eain: Slaightearan; Dacha Mo Ghaoil
- Tim Armstrong: Air Cuan Dubh Drilseach[1]
Nobhail ann an Alba sa Bheurla
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ MacIlleathain, Ruairidh (2013): “Lèirmheas: Air Cuan Dubh Drilseach,” ann an: Cothrom, leabhar 76, td. 44–45.
- MacCormaic, Iain, Dùn-Àluinn, M. MacFarlane (C. MacPhàrlan) (deas.). Paisley: Alexander Gardner, 1912.
- MacDhonnchaidh, Aonghas An t-Ogha Mór: no, Am fear-sgeoil air uilinn Glascho: MACDHONNACHAIDH, UEIR & CO., [1913].