Ladhar Bheinn
Co-chomharran: 57°04′30″N 5°35′33″W / 57.074969°N 5.592556°W
’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Ladhar Bheinn. Tha e 1,020 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. 'S e a' bheinn as àirde ann an Cnòideart, agus a' Bheinn Rothaich as fhaide siar air an tìr-mhòr. Tha e suidhichte eadar Loch Shubhairne, Loch Nibheis agus Linne Shlèite. Chìthear e gu soilleir ann an cruth còin bho Shlèite anns an Eilean Sgitheanach. Tha e cumanta an druim an iar-thuath sin a ruigsinn aig an Dìollaid ma dhìrichear e bho Inbhir Aoidhe agus an iar-dheas[1]. Tha e cuideachd cumanta a shreap bho Gleann an Dubh-Lochain agus Inbhir Aoidhe. Tha druim an iar-thuath a’ crìochnachadh aig mullach de 848 m. Bho sin tha cothrom ann cromadh gu Màm Barasdail, air neo air Stob a’ Chearcaill agus druim an ear-thuath. Tha an rathad seo nas duilghe na rathaidean eile leis cho cas is creagach is a tha an druim seo. Chan eil ceumannan soilleir ann ach air an druim fhèin agus anns na glinn. Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Loch Shubhairne, Barasdal, beanntan Chnòideirt, Chinn Tàile agus fiù ’s Beinn Nibheis.
Ladhar Bheinn | |
---|---|
Ladhar Bheinn, sealladh bho Loch Shubhairne | |
Àirde (m) | 1,020 |
Àirde (tr) | 3,350 |
Àirde rinneach (m) | 795 |
air liosta | Munro |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cnòideart |
Mapa cumadh-tìre | OS 33 |
Comharradh-clèithe | NG823039 |
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Ladhar Bheinn aig munromagic.com (Beurla)
- “Mountain Quality Indicators”. The Munro Society. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2024.
- Rewilding Britain: pròiseactan: Lì agus Coire Dhorrcail