Sgùrr na Cìche
Co-chomharran: 57°00′46″N 5°27′26″W / 57.0127°N 5.45718°W
’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Cìche. Tha e 1040m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar ceann Loch Nibheis agus ceann Loch Chuaich. Tha coltas cìche air cruth na beinne agus chithear e bho Àird a’ Bhàsair anns an Eilean Sgitheanach. Tha druim an ear na beinne a’ leantainn gu Garbh Chìoch Mhòr (1013m), Garbh Chìoch Bheag (968m) agus Sgùrr nan Coireachan (953m). Tha ceum a’ dìreadh na beinne eadar Sgùrr na Cìche agus Garbh Chìoch Mhòr bho Ghleann Deasaraidh, agus ’s e sin an dòigh as cumanta faighinn dhan mhullach, a’ tòiseachadh an latha aig ceann Loch Airceig. Tha e cumanta cuideachd a bhith a’ cur seachad na h-oidhche aig Sourlies agus streap Druim a’ Ghoirtein bhon iar-dheas, ged nach eil ceum ann. ’S e coiseachd beinne a th’ anns a’ chuairt, agus chan fheumar uidheam streap airson am mullach a ruigsinn, ge-tà, tha an talamh bog-fliuch aig amannan, agus tha pàirtean den bheinn creagach is cas[1].
Sgùrr na Cìche | |
---|---|
Sealladh bho Sgùrr nan Coireachan air Sgùrr na Cìche | |
Àirde (m) | 1040 |
Àirde (tr) | 3,410 |
Àirde rinneach (m) | 839 |
Màthair-mhullaich | Carn Eige |
air liosta | Marilyn, Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cnòideart, a' Ghàidhealtachd |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger 33, 40 |
Comharradh-clèithe | NM902966 |
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Sgùrr na Cìche aig munromagic.com (Beurla)
- Sgùrr na Cìche aig walkhighlands.co.uk (Beurla)