Co-chomharran: 57°02′54″N 5°30′49″W / 57.048335°N 5.513592°W / 57.048335; -5.513592

’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Luinne Bheinn. Tha e 939m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar Loch Shubhairne, Loch Nibheis agus Linne Shlèite ri taobh Ladhar Bheinn air taobh eile Màm Barasdail. 'S e an dòigh as cumanta a bhith ga shreap bho mhullach Màm Barasdal air druim an iar-thuath, far a bheil ceum. Tha dà mhullach aige, agus 's e a' chiad fhear, mullach an iar, am mullach Rothaich. Gu tric bithear ga shreap còmhla ri Ladhar Bheinn neo Meall Buidhe [1].

Luinne Bheinn

Luinne Bheinn le Loch Nibheis air a chùlaibh
Àirde (m) 939
Àirde (tr) 3,080
air liosta Munro
Suidheachadh
Luinne Bheinn is located in Alba
Luinne Bheinn
Luinne Bheinn (Alba)
Suidheachadh Cnòideart
Mapa cumadh-tìre Landranger 33;
Explorer 398E 413S
Comharradh-clèithe NG869008

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Loch Shubhairne, Barasdal, beanntan Chnòideirt, Chinn Tàile agus fiù ’s Beinn Nibheis.

Iomraidhean

deasaich
  1. Meall Buidhe air Walk Highlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: