Beinn Rothaich
'S e beinn ann an Alba a tha os cionn 3,000 troigh (914.4m) de dh'àirde a th' ann am Beinn Rothaich. Tha 282 dhiubh ann. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Ridire Ùisdean Rothach (Sir Hugh Munro) (1856–1919), a chruthaich liosta de na beanntan seo ann an 1891. Ma tha mullach beinne os cionn 3,000 troigh, ach nach eil na bheinn fa-leth, 's e mullach Rothaich a th' ann. Anns an ath-sgrùdadh de na beanntan seo ann an 2012, a tha foillsichte le Club Streapadaireachd na h-Alba, bha 282 Beanntan Rothaich ann agus 227 mullaich Rothaich eile. Dh'atharraich àireamh nam Beinn Rothach bho àm gu àm nuair a chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh le innealan de theicneòlas nas ùire agus nas mionaidiche.
Anns a' Chèitean agus an Iuchar 2009 rinneadh ath-sgrùdadh air na beanntan a bha faisg air 3,000 troigh. Air 10 An t-Sultain 2009 chaidh ainmeachadh gu bheil a' bheinn Sgùrr nan Ceannaichean, aig ceann a' deas Gleann Carrainn, 2,997 troigh (913.43 m) de dh'àirde a-mhàin.[1] Mar sin chaidh inbhe na Beinne Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe agus 's e Beinn Corbett a th' ann a-nis.[2] As t-samhradh 2011 chaidh lorg gu bheil Beinn a' Chlaidheimh ann an Achadh an Iasgair 2,998 troigh agus 8 òirleach (914 m), agus mar sin ro bheag airson a bhith na Bheinn Rothaich. Chaidh inbhe Beinne Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe anns an t-Sultain 2012, agus tha i a-nis na Beinn Corbett.[3][4]
Anns an t-Sultain 2012, bha liosta nam Beinn Rothaich a' gabhail a-steach 282 beanntan Rothaich agus 227 mullaich Rothaich eile.
'S e cur-seachad a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-streap a bhith a' dìreadh gach aon de na Beanntan Rothaich agus a' cumail clàr air an adhartas. Thathar a’ cur an ainm car éibhinn “pocadair rothach” air na daoine sin. Ge-tà, gach bliadhna caillidh daoine am beatha air na beanntan agus an t-sìde, an talamh gharbh no dìth-shlàinte a' fàs mar dhùbhlan dhaibh.
Aistidhean ceangailte
deasaich- Beinn Nibheis
- An Càrn Gorm
- Ladhar Bheinn
- Sgùrr a' Bhealaich Dheirg
- Sgùrr Fhuaran
- Sgùrr Alasdair
- Sgùrr nan Gillean
- Sgùrr nan Ceathramhnan
- Liathach
- Beinn Àilleagain
- Beinn Eighe
- Slioch
- An Teallach
- A' Mhaighdean
- Faic cuideachd: Marilyn (beinn)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Sgùrr nan Ceannaichean, Munromagic
- ↑ The Scottish Mountaineering Club[dead link]
- ↑ Fisherfield Munro demoted to Corbett status after coming up short in survey[dead link] aig stv news (Beurla)
- ↑ Graham Jackson is John Barnard: Beinn a’ Chlaidheimh: the Munro Society surveyors respond, aig Caledonian Mercury (Beurla)