Claonaig

Aiseag agus Arainn bho Claonaig
Suidheachadh
Claonaig is located in Alba
Claonaig
Claonaig (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 45′ 21″ T
5° 23′ 46″ I
Feartan fiosaigeach

'S e baile beag ann an Cinn Tìre th' ann an Claonaig. 'S e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin tha aiseagan a' dol eadar Claonaig agus Loch Raonasa ann an Arainn le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.[1] Tha an eaglais airson parraist Shàghadail agus Sgibnis an seo. Chaidh a thogail aig deireadh an 18mh linn neo aig toiseach an 19mh linn agus 's dòcha a-rèir choltais tha pàirt dhen eaglais a chaidh a thogail ann an 1756 ann fhathast.[2]

Ann an 2012 mhol ath-sgrùdadh nan aiseagan gum bu chòir an t-seirbheis aiseig eadar Claonaig agus Loch Raonasa a chur às ach tha e a' ruith fhathast.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Claonaig”. Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.
  2. Claonaig, Skipness Parish Church”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.
  3. Aisseag eile a dhìth thar Linne Chluaidh”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Ghearran 2012. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.